Cleachdaidhean Oidhche Challainn sa Ghearmailt

Tha cleachdeaidhean Oidhche Challainn sònraichte aig na Gearmailtich. Seo eisimpleirean den fheadhainn as cumanta:

Bleigiessen

deasaich
 
Bleigiessen - uidheam

(seo a' Ghearmailtis air 'leaghadh luaithe')

Cruinnichidh an teaghlach no buidheann charaidean timcheall air a’ bhòrd, is seo nas fheàrr ri solas coinnle, agus fear mu seach cumaidh iad pìosan beaga de luaithe ann an seann spàin os cionn lasair coinnle fad mionaid no dhà. Bidh an luaithe a’ leaghadh gu math luath, leis gu bheil e cho bog , agus às dèidh sin thèid a leagail a-steach ann an uisge fuar, far am fàs e cruaidh a-rithist, ach ann an cruthan neònach. An crochadh air dè na cruthan a th’ ann, chì thu am bi deagh no droch fhortan agad sa bhliadhna sa tighinn. Seo cuid dhiubh:

ball – bi deagh fhortan a’ roiligeadh do d’ ionnsaigh.

acair – gheibh thu cuideachadh nuair a bhios thu nad èiginn

flùr – caraidean ùra

cearcall / fàinne - banais – ach ma bhios e briste, tha sin a’ ciallachadh dealachadh

àradh – àrdachadh inbhe no tuarasdail aig an obair

clag – deagh naidheachd

siosar – tha co-dhùnadh air thoiseach ort

long, bàta – bi thu a’ dol air cuairt no air turas-mara

damhan-allaidh – tha d’ fhortan a’ crochadh air snàthainn sìoda

nathair – tha farmad aig cuideigin riut – bi faiceallach!

An latha an-diugh gheibh thu ‘kits’ le pìosan luaithe ann an cruthan eadar-dhealaichte (gus an tòisich thu leis an t-seòrsa fhortanach, co-dhiù), spàin chruinn agus mìneachaidhean ‘oifigeil’, ann an gach bùth fad na Dùbhlachd. Air sgàth ’s nach eil luaithe glè fhallain, gu sònraichte do chloinn, no math don àrainneachd, thèid cèir a chleachdadh uaireannan an àite.

Feuerzangenbowle

deasaich
 
Feuerzangenbowle

(Seo a' Ghearmailtis air seòrsa punch flambé le ruma, siùcar agus fìon dearg)

Seo rud a ghabhas àite am broinn an teaghlaich no buidheann charaidean ri solas coinnle cuideachd, ged nach eil an cleachdadh sin dìreach freagarrach do chloinn. Tha feum agad ri pana fìona dheirg air rechaud no stòbha, airson fìon teth ullachadh le spìosraidhean, orainsearan is liomaidean, agus seòrsa clobha os a chionn le còn siùcair cruaidh. A-nis dòirt rùm air an t-siùcar le ladar, agus nuair a tha e gu math fliuch, cuir na theine e. Cùm ris an dòirteadh gus an leagh an siùcar. A-nis faodaidh tu am punch teth òl, mu dheireadh thall!

Tha nobhail Ghearmailteach 1933 le Heinrich Spoerl ann air a bheil 'Die Feuerzangenbowle'[1], agus seann fhilm ainmeil dhith cuideachd. [2]

Dinner for One

deasaich

(Seo seann chomadaidh-telebhisein Beurla)

Iongantach mar a tha e, sin am prògram as fheàrr leis na Gearmailtich gach Oidhche Challainn. Chan eil e ach 10 mionaidean de dh’fhad agus ged a tha cothrom air fo-thiotalan ann, ’s urrainn do Ghearmailteach sam bith gach facal sa Beurla a ghabhail còmhla ris na pearsantan.

Chaidh am film a dhèanamh ann an Hamburg ann an 1963, le Freddie Frinton mar sheann bhutler, James, agus May Warden mar Miss Sophie, bean uasal aosda, a tha 90 an diugh. The am bòrd air ullachadh airson ceathrar aoighean (neo-fhaicsinneach), gu follaiseach seann shuirghichean aice, agus tha e aig James ri gach pàirt a chluiche agus ri òl air an son, fear mu seach, fad an fheasgair – sherry, champagne, fìon, port, an còmhnaidh leis na faclan ainmeil : ‘Same procedure as last year, Miss Sophie?’ - ‘Same procedure as every year, James!’.

Tha fiù ‘s Gearmailtich gun Bheurla sam bith eile eòlach air na seantansan seo, agus is mòr an t-iongnadh orra nuair nach bi sgot aig daoine à Breatainn dè mu dhèidhinn a bhios iad a bruidhinn.

Tha am film air YouTube: [3]

Feuerwerke

deasaich
 
Oidhche Challainn ann an Frankfurt

(Seo a' Ghearmailtis air 'teintean-ealain')

Aig meadhan-oidhche bidh Sekt ann, seòrsa champagne Gearmailtich, bidh na clagan-eaglaise a’ seirm, agus bidh teintean-ealain nas lugha anns a’ ghàrradh agad fhèin no feadhainn nas motha anns a’ bhaile – m.e. ann an Cologne agus ann am Bonn air bruachan na h-aibhne Rhine, agus bidh na mìltean de dhaoine ann airson fàilte a chur air a’ Bhliadhna Ùr.

Iomraidhean

deasaich
  1. Nobhail 'Die Feuerzangenbowle' 1933 le Heinrich Spoerl
  2. Film 'Die Feuerzangenbowle' 1944 le Helmut Weiss[dead link] .
  3. Dinner for One - bhideo air YouTube