Cleachdaiche:Uicipeid4/sandbox
Dùghall MacPhàil
deasaichB' e bàrd à Muile a bh' ann an Dùghall MacPhàil (1818-87).
Beatha
deasaichRugadh Dùghall MacPhàil aig Strathcaoil, ri taobh Beinn Bhàirneach ann an sgìre Torosay ann am Muile.[1] B' e tuathanaich a bh' anns a theaghlach aig Glenforsa agus dh'obair athair aig Derrychullen. B' e saor a bh' ann an Dùghall an toiseach ach fhuair e trèanadh a bhith na draughtsman cuideachd.
Rinn e imrich a Ghlaschu agus an uair sin a Newcastle. Ann an Newcastle, bha e na clerk agus draughtsman. On sin, chaidh e gu Shaftesbury, Dorset, far an robh e na altire agus clerk of works do Diùc Westminster.
Nuair a thill e a dh'Alba chaidh e an toiseach a Dhùn Èideann ach aig àm a bhàis bha e a' fuireach ann am Pàrtaig, Glaschu.
Bàrdachd
deasaichRinn Dùghall MacPhàil iomadh dàin is òrain anns a' Ghàidhlig. 'S e an t-òran as ainmeile a rinn e, An t-Eilean Muileach. Thathas a' creidsinn gun d'rinn e an t-òran fhad's a bha e ann an Newcastle uaireigin ro 1859.
Clàr-leabhraichean
deasaich- Cath Alma[2]
- Tha MacPhàil a' moladh nan saighdearan Gàidhealach aig Cath Alma: a' chiad bhlàr ann an Cogadh Crimea agus am fear as giorra is as eifeachdach. Cha robh MacPhàil ann agus tha seo a' tarraing air fios sna pàipearan-naidheachd. (Meek 2003: 295)
- An t-Eilean Muileach[3]
ann an Caran an t-Saoghail deas. le Dòmhnall Meek (Edinburgh: Birlinn, 2003) IBSN 187474467X
Iomraidhean
deasaichTuilleadh Leughaidh
deasaichMacLeod 1908: 136-52
Currie 2000: 399-400
Ceanglaichean a-muigh
deasaichTaigh-Tasgaidh Rèisimeid nan Gòrdanach
deasaichTha Taigh-Tasgaidh Rèisimeid nan Gòrdanach (Beurla: Gordon Highlanders Museum) taigh-tasgaidh mu Rèisimeid nan Gòrdanach ann an Obar Dheathain, ann an Alba. [4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ (2003): “Biographies”, ann an: Donald E. Meek: Caran an t-Saoghail. Edinburgh: Birlinn, td. 482-3. ISBN 1-87474467-X.
- ↑ Meek 2003: 310-5
- ↑ Meek 2003: 382-3
- ↑ “Welcome to the Gordon Highlanders Museum” (Beurla). Gordon Highlanders Museum. Air a thogail 20mh dhen t-Sultain 2017.