Fàilte do'n Wikipedia!


Tha an Wikipedia na leabhar mòr-eòlais air a sgrìobhadh gu co-oibricheil leis an luchd-leughaidh aige fhèin. Tha an làrach-lìn a'cleachdadh an teicneòlais "wiki", leis a'bhuil gum faod neach sam bith, sibhse cuideachd, cha mhòr aiste sam bith a dheasaicheadh le bhith briogadh air an dòrnais deasaich an duilleag seo a nochdas air bàrr gach duilleig.

A'rùrachadh a'Wikipedia deasaich

Tha sinn a'rùnachadh leabhar mòr-eòlais a thogail le uimhir mhòr fiosrachaidh a'gabhail a-staigh cuspairean air poileataics, saidheans, eachdraidh, ceòl, creideamh, cultur, is spors. Feuch ruith a thoirt air na gnethan iomadach an dràsda.


Rùraich an Wikipedia - Aithghearran nan aiste - Clàr-amais aibidealach - Innleachdan gnè eile

B'urrain dhuibh rannsachadh airson teacsa ann an aistean no tiotalan aiste. Dìreach theirig do'n bheàrn "lorg" air a chlì, sgrìobh na briathan-rannsachaidh a-staigh agus briogaibh air "lorg". Dh'fhaoite gum bi an goireas-rannsachaidh dualach air a chur bho fheum fhad's a tha am frithealaiche an-luchdaichte, agus ma's e sin a'chùis, thèid ur n-ath-stiùireadh ri Google airson stòr-dàta a'Wikipedia a rannsachadh.

Ma leughas sibh rudeigin a chòrdas riubh, nach fhàgaibh sibh sgrìobag air duilleag-labhairt na h-aiste? An tòiseach, taghaibh an dòrnais deasbair (gheibhear e anns na tabs air bàrr na duilleig) a ruigheachd na duilleig-labhairt. Sin, taghaibh deasaich an duilleag seo air an duilleag-labhairt, no briogaibh air an "+" air taobh deas an deasaich an duilleag seo a chuir facal no dhà ùr sios. Is toigh leinn uile beagan cùlanach moltach!

Ma tha ceist no iarrtas agaibh, no mur urrain dhuibh rudeigin a lorg, nach fhàgaibh sibh sgrìobag aig an deasg-iomraidh.

A'deasaicheadh deasaich

Faodaidh neach sam bith duilleagan a'Wikipedia a dheasaicheadh — fiù's an duilleag seo fhèin! Cha leagaibh sibh leas ach briogadh air an dòrnais deasaich an duilleag seo aig bàrr gach duilleig (as aonais nan duilleag "dìonta") ma tha sibh am beachd gum feum e leasachadh no fiosrachadh ùr. Chan fheum sibh rud sam bith àraidh, eadhan a bhith air ur cur a-steach. Ma tha sibh ag iarraidh archuisg bheag a dhèanamh an tòiseach, gun chunnart bùraich a dhèanamh air fìor aiste, dìreach tadhalaibh air an àite-cluiche, far am faod sibh ur sgilean deasaicheidh a ghnàthachadh.

Cleachdaibh an Wikipedia mar a chleachdadh sibh leabhar mòr-eòlais eile, ach ma mhothachas sibh seachran — mì-litreachadh, mar eisimpleir, no abairt nach eil soilleir — dìreach briogaibh air deasaich an duilleag seo agus càraich e! Bithibh dàna an uair a dheasaicheas sibh duilleagan; ma chì sibh dòigh a leasachadh duilleig dèanaibh e. Na leigibh cus dragh oirbh gun dèan sibh mearachdan; is dòcha gun càraich cuideigin eile e as ur dèidh. Cuideachd, tha a h-uile dreach aig gach duilleig taisge anns an stòr-dàta; mar sin, is urrain dhuinn seann lethbhreac a dh'aiseag ma dh'fheumas sinn agus cuideachd, faodaidh a h-uile deasaicheadh a bhith lorgaichte.

Ged a tha mòran aistean anns a'Wikipedia cheana (15,955 sa Ghàidhlig leis a'chùnntas mu dheireadh), tha an Wikipedia a'sìor-fhàs le aistean ùra air an sgrìobhadh le daoine coltach riubh fhèin. Faodaidh sibh aiste a thòiseachadh as ùr, no earran ùr a chur ri aiste a th'ann cheana.

Steòrnaidhean deasaich

Bu chòir dhuibh sùil a thoirt air na steòrnaidhean is seòlaidhean a th'againne. Is iad na trì stèidhean as riatanaiche Neo-phàirteachd, an Cead GFDL, agus Sìobhaltachd. Dè as ciall do sin?

  • Feumaidh modh-sgrìobhaidh neo-phàirteil agus gun chlaon-bhàigh a bhith air na h-aistean. Bu chòir beachdan an aghaidh a bhith taisbeanta gu cothromach is gu co-mhothachail.
  • Tha uile na cuideachaidhean ris a'Wikipedia air an leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan a'Chead GNU Aithriseachd Saor (GFDL).
  • Sìobhaltachd. Chan oibricheadh an Wikipedia gun urram is sìobhaltachd a-rèir a chèile. Saoilibh muinghin an uair nach eil sibh a'gabhail le cuideigin. Is e deagh chleachdainn aithghearr deasaicheidh a dh'ullachadh air chor's gun cuidich sibh càch na mùthaidhean agaibh a ghabhail.

Na callaibh misneachd deasaich

Ma thachras sibh air strì leis na chiad oidhirpean deasaichaidh agaibh, na leigibh dragh oirbh. Bithidh còmhragan anns a h-uile tionnsgnadh co-oibricheil.

Ma tha rudeigin ann nach tuig sibh — ge be teicneòlach no soisealta — agus mur eil sibh cinnteach far am feum sibh lorg, dìreach cuir a'cheist aig Wikipedia:Deasg Cobhair agus bithidh cuideigin toilichte ur cuideachadh.

Nise, faigh beagan spors!

Ceangal leinn? deasaich

Faodaidh neach sam bith deasaicheadh, ceart gu leor, ach bithidh tairbhe ann dhuibh ma chruthachas sibh cùnntas, gu h-araid ma tha sibh a'rùnachadh a sgrìobhadh gu minig. A chur ann, cruthaich cùnntas an tòiseach agus, as dèidh sin, cuiribh sibh an aithne a'choimhearsnachd aig log nan cleachdair ùra.