Cleachdaiche:Buidhe/Alasdair mac Colla
A bheatha
deasaichRughadh Mac Colla ann an Colbhasa. Bha a phàrant athar, Colla, na dhuine ainmeil ann an Clann Eòin Mhòir, ach fhuair na Caimbeulaich cuid dhen fhearann aig Clann Dòmhnaill, mar eisimpleir Ìle. Bha Mac Colla an sàs ann an strì airson buaidh agus fearann ath-ghabh bhon Caimbeulaich air feadh a bheatha. Phòs e nighean Mhic Alasdair, Tighearna nan Lùb, agus bha dithis mhac aca, Aonghas agus Gilleasbuig.[1]
Cogadh nan Trì Rìoghachdan
deasaichAn an Èireann
deasaichAir sàilleibh 's gun robh na Caimbeulaich airson nan Cùmhnantach, ghabh iad cothrom air a' chogadh agus lunn iad eileanan a' Chlann Dòmhnaill. Thàinig air Mac Colla a' dol dhan Èirinn ann an 1638 às dèidh glacadh a phàrant athar agus a bràthar leis na Caimbeulaich, agus rinn na Èireannaich aramach ann an 1641. Cheangail e le arm an aghaidh an aramach, ach chuir e cùl riutha as dèidh ùine ghoirid, ann an 1642.[2] Airson nan reubalach, 's dòcha gun robh e an sàs ann am murtadh nan sìobhaltach, ach cuideachd rinn e buaidhean cudromach. Gidheadh, b' fheudar fairtlich air an reubalaich.
Ann an Alba
deasaichThoir na reubalaich Èireannach dha 1500-2000 saighdear airson sabaid ris na Cùmhnantaich ann an Albainn.[3] Chreach mac Colla dùthaich nan Caimbeulach, agus cheangail e ri Seumas Greumach, a' chiad Mharcas Mhontròis. Rinn mac Colla mòran buaidhean air a shon,[3] agus bhuilich Montròis inbhe ridire air; sa Bheurla, tha e ainmichte cuideachd mar Sir Alexander Macdonald.[4]
Dh'òrdaich mac Colla muirt na h-uile fear a bha dh'aois armailteach ann an dùthaich nan Caimbeulach, co-dhiù a bha iad fo armachd neo nach robh.[3] A-rèir beul-aithrise, loisg Mac Colla taigh lìonte de boireannaich agus clann Caimbeulach. 'S e "Barn of Bones" a tha an t-ainm air an tachartas sin. Thuirt duine co-aimsireil: "There is nothing heard now up and down the kingdom but alarms and rumores, randevouses of clans [...] Montross and MacKoll in every manes mouth, nay the very children frightened".[5] 'S dòcha rinn na tachartasan, mar sin agus mar creach Obar Dheathain, cron air a' chùis rìoghail. Thàinig am far-ainm aige, Fear thollaidh nan tighean, às an sgrìos a rinn mac Colla agus an arm aige air dùthaich nan Caimbeulach.[3]
Sgar mac Colla agus Montròis air sàilleibh 's gum bu toigh le mac Colla fearann Caimbeulach ath-ghabhail agus gum bu toigh le Montròis urrainn fhaighinn anns a' Ghalltachd agus ann an Sasainn. Thoir na Cùmhnantaich buaidh orra fa leth agus chaidh mac Colla dhan Èirinn a-rithist.[3]
Bhàis mac Colla ann an 1647 aig Blàr Knocknanuss ann an Èirinn; chuir na Cùmhnantaich gu bàs e an dèidh a ghlacadh.[3]
- ↑ Mearachd leis an tùs: Invalid
<ref>
tag; no text was provided for refs namedCM
- ↑ Plant, David. "Biography of Alasdair MacColla". bcw-project.org (in Beurla). Retrieved 16 March 2017.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 Eachdraidh a bheatha leis a' BhBC
- ↑ Campbell, Lord Archibald (1885): Records of Argyll: Legends, Traditions, and Recollections of Argyllshire Highlanders, Collected Chiefly from the Gaelic, with Notes on the Antiquity of the Dress, Clan Colours, Or Tartans, of the Highlanders (Beurla). W. Blackwood and sons. Air a thogail 16mh dhen Mhàrt 2017.
- ↑ T. and A. Constable (1905): Publications of the Scottish History Society (en), td. 289. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2017.