’S e cluicheadair-piàna agus cumadair-ciùil Gearmailteach a bha ann an Clara Schumann (née Wieck, 13 an t-Sultain 1819 – 20 an Cèitean 1896). Tha i aithnichte mar shàr chluicheadair a thug buaidh mhòr air saoghal a’ chiùil.[1] Bha an duine aice, Robert Schumann, na chumadair-ciùil ainmeil cuideachd.

Clara Schumann - dealbh le Andreas Staub (1838)

Òige agus foghlam

deasaich

Rugadh Clara Wieck ann an Leipzig air 13 an t-Sultain 1819. Bha a màthair, Mariane Wieck, na seinneadair agus cluicheadair-piàna agus a h-athair, Friedrich Wieck, na thidsear-piàna agus a’ ruith bùth-chiùil. Dhealaich pàrantan Clara ann an 1825 agus dh’fhuirich i còmhla ri a h-athair.[2]

Bha Friedrich Wieck airson cluicheadair-piàna ainmeil a dhèanamh den nighean aige. Chaidh Clara a theagasg aig an taigh agus fhuair i leasanan-piàna bho aois còig bliadhna. Chluich i a’ chiad chonsairt aice ann an Leipzig ann an 1828, aig naoi bliadhna a dh’aois. Beagan bhliadhnaichean às dèidh sin rinn i turas gu Paras far an do chluich i aig barrachd chonsairtean agus choinnich i ri luchd-ciùil eile leithid Frédéric Chopin agus Felix Mendelssohn-Bartholdy.[1]

Pòsadh agus teaghlach

deasaich

Bha Robert Schumann na h-oileanach piàna aig athair Clara agus a’ fuireach còmhla ris an teaghlach bho 1830. Dh’fhàs Clara is Robert measail air a chèile agus bha iad ag iarraidh pòsadh, ach bha Friedrich Wieck an aghaidh sin. Bha strì mhòr ann agus b’ fheudar do Chlara agus Robert a dhol gu cùirt gus cead pòsaidh fhaighinn.[1]

Phòs iad ann an 1840 agus chuir iad seachad na ciad bliadhnaichean ann an Leipzig. Bha dithis nighean aca aig an àm sin agus rugadh ceathrar chloinne eile às dèidh dhaibh gluasad gu Dresden ann an 1844. Nuair a fhuair Robert obair ann an Düsseldorf ann an 1850 ghluais iad a-rithist agus bha nighean agus mac eile aca. Às dèidh bàs Robert ann an 1856 b’ fheudar dha Clara coimhead às dèidh an teaghlaich na h-aonar.[1]

Cùrsa-obrach

deasaich

Mus b’ urrainn dhi pòsadh, lean Clara oirre a’ sgrìobhadh ceòl agus a’ cluich chonsairtean, a’ gabhail a’ steach turas gu Paras agus gu Vienna, far an d’ fhuair i urram sònraichte do luchd-ciùil. Às dèidh na banais, bha na bu lugha de dh’ùine aig aice airson a cuid ciùil, ach bhiodh i fhathast ag obair. Gu tric bhiodh i a’ cluich ceòl an duine aice air a’ phiàna.

Bhiodh Clara Schumann cuideachd ag obair mar thidsear piàna. B’ ise a’ chiad bhoireannach a bha a’ teagasg aig an acadamaidh-chiùil “Hoch’sches Konservatorium” ann am Frankfurt am Main, bho 1878 gu 1892.[2]

Dh’fhoillsich Clara ceòl an duine aice às dèidh a bhàis.[2]

Chaochail Clara air ann an 1896 ann am Frankfurt air sgàth stròic.[2] Tha i air a tìodhlacadh ann am Bonn ri taobh an duine aice.[1]

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Liosta de na pìosan-ciùil agus foillseachaidhean le Clara Schumann (Beurla)

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Nauhaus, Julia M.: “Clara Wieck-Schumann – biographische Einführung. Schumann-Portal(Gearmailtis).
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Kämmerer, Gerlinde: “Schumann, Clara (geborene Wieck). Stadt Leipzig(Gearmailtis).
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: