Cian-chonaltradh
(Air ath-sheòladh o Cian-Chonaltradh)
Freumhan Cian-chonaltraidh
deasaichAir taobh cànan tha na freumhan aig cian-chonaltradh simplidh gu leòr. Tha "cian" a' ciallachadh "ag astar" agus "fàd air falbh". Is e a tha ann an "conaltradh" ach cuir teachdairean, o daoine gu daoine - nuair a bhitheas dithis a labhairt le chèile, sin conaltradh. Nuair a bhios daoine a' sgrìobhadh litir ri cuideigin agus ga chuir dha troimhe a' phuist, sin conaltradh. Nuair a bhios dithis a labhairt le chèile air an fhòn, sin conaltradh.
Chan urrainn do dithis a' labhairt mur eil iad còmhla le chèile, ach is urrainnear litir a chur ri cuideigin iomadh mìltean air falbh, fiù 's ann an tìr eile. Is urrainn dhuit, anns a h-aon seagh a labhairt ri cuideigin a tha fada air falbh air fòn.