'S e dùthaich eileanach ann an Àisia a Deas a tha ann an Sri Lanca[1][2][3] neo Sri Lanka[4][5] (ainm oifigeal: Poblachd shòisealach dheomacrasach Sri Lanca).

ශ්‍රී ලංකා ප්‍රජාතාන්ත්‍රික සමාජවාදී ජනරජය
இலங்கை ஜனநாயக சமத்துவ குடியரசு
Sri Lanca

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Sri Lanka Matha
Cànan(an) oifigeil Sinhala, Tamil
Prìomh-bhaile Sri Jayawardenapura-Kotte
Baile as motha Colombo
Riaghaltas Poblachd shòisealach dheomacrasach
Ceann-suidhe Gotabaya Rajapaksa
Prìomh-mhinistear Mahinda Rajapaksa
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte 4 an Gearran 1948
Poblachd 22 an Cèitean 1972
Farsaingeachd
Iomlan 65,610 km² (122mh)
Uisge 4.4 %
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan 19,668,000 (52mh)
Dlùths 310/km² (35mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa $4,600 (111mh)
Roinn tìde (UTC+5:30)
Ruith-airgid Rupee Sri Lanca
Prìomh àrainn-lìn .lk
Còd Àireamh fòn 94

B' e Sailon [6] (Beurla: Ceylon) an t-ainm eile a bha oirre ro 1972.

Tha i na laighe san taobh a deas air na h-Innseachan.

'S e coimhearsnachd na Sinhalese an tè as motha a th' ann. Tha an cuid as motha den mhion-shluagh chinnidheach, na Tamils, a’ fuireach ann an earra-thuath na dùthcha. Tha Sri Lanca cliùiteach airson cofaidh agus , m.e.: Ceylon tea. Leis na coilltean tropaigeach, na tràighean brèagha agus an dualchas cultarach tha an roinn turasachd gu math làidir ann an Sri Lanca. Tha an Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa am fear as àirde a tha ann an Àisia a Deas.

Tha Sgioba nàiseanta criogaid aig Sri Lanca. Chluich iad anns a h-uile Cupa na Cruinne.

Iomraidhean

deasaich
  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Dùthchannan ag SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse (duilleag 478) ISBN 0900025212
 
Sri Lanca: Adam's Peak
 
Eilean: Pigeon Island
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: