Ceimigeachd anailiseach
Tha ceimigeachd anailiseach na shaidheans dhealachaidh, dhearbh-aithneachaidh agus tomhais cho-phàirtean cheimigeach ann an stuthan. 'S e meur ceimigeachd a tha ann.
Tha ceimigearan anailiseach ag obair, mar eisimpleir, aig a' Bhuidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba. Tha iad a' dearbhachadh gu bheil uisge no deochan no biadh fìor-ghlan. Tha i cudromach cuideachd ann am barantachd càileachd agus saidheans foireansach.
Tha dòighean-obrach anailiseach a' gabhail a-steach speactromachd.
Ann an Rìoghachd Aonaichte ann an 1874 chaidh an Comann airson Luchd-Sgrùdaidh Poblach a chur air bhonn.