'S e brannd càise a th' ann an Casse-Croûte às a' Bheilg. Tha e leth-chruaidh le plaosg (no cùl-càise) nàdarra agus blas cùbhraidh.

Buinidh am bathar do Abbaye de Val-Dieu. 'S e abaid Cisteirseach a bh' ann an Abbaye Notre-Dame du Val-Dieu. Tha e ann an Aubel, Pays de Herve, anns an sgìre-easbaig de Liège, taobh an ear den Bheilge.[1]

Tha am brannd 'Abbaye du Val-Dieu' (abaid Val-Dieu) air a ruith leis a' chompanaidh Herve Société.

Tùs deasaich

'S iad na manaich aig an abaid a thòisich an iomairt anns an 20mh linn is iad ag iarradh càise, am Bouquet des Moines agus a' Casse-Croûte a b' urrainn dhaibh a thoirt do luchd-tadhail.[2]

Is iad na càisean eile a nì Herve Société: Bouquet des Moines, Bleu des Moines, Délice des Moines, et Pain d' Abbaye Val-Dieu.

Iomraidhean deasaich

  1. Bienvenue à l'Abbaye du Val-Dieu(Frangais). Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2017.
  2. Les fromages de l'Abbaye du Val-Dieu(Frangais). Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2017.