Ann an eòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann, bha Brìghde no Brighid ("A' Bhean (Làidir is) Inbheach") 'na nighean an Daghdha (agus mar sin aon den Tuatha Dè Danann) agus a' bhean Bhreis nam Fomóiri. Bha dà phiuthair aice air an robh Brighid cuideachd, agus th' air smaoineachadh Ban-dia Thrì-fillte Ceilteach ceannsgalach.

Bunachas deasaich

Tha coltas gu bheil an t-ainm seo stèidhichte air an an fhacal Tùs-Ceiltis *Brigantījā a tha a' ciallachadh "[spiorad] Inbheach Boireannta" (q.v. [1] [2] [3]). Leantainn laghan-fuaime air ghabhail ri soilleachadh atharrachadh-fuaime eagarach thar-leantach fuaimneachadh 'san tùs-cànanachas Ceilteach (q.v. [4] [5] [6] [7]), tha 'n dealbh Ròmanach-Breatannach an t-ainm Tùs-Ceiltis dualach air bhith *Brigantia.

Ainmean deasaich

Ghabh a-staigh roinn a h-ainmean:

  • "Brigantia, Inbheachd a' Bhrosnachaidh" - bean-taic nam bàrd
  • "Brigantia, Inbheachd an Teinntein" - bean-taic nan slànaighear, ban-dia an torachais
  • "Brigantia, Inbheachd an Dealbhaidh" - bean-taic nam gobha, fear-ceàirde 'gus gaisgeach

Teaghlach deasaich

Le Tuireann, bha i 'na màthair Chreidhne, Luchtaine agus Ghoibniu.

Buidhnean deasaich

Shealbhaich Brìghde meas-ghort ubhail 'san Saoghal-Spioraid; shiubhail seilleanan an-siud a fhaighinn neachdar draoidheil. Bha 'n meas-ghort seo comannaichte leis an Avalon. Faodaidh a' Bhean an Locha 'san Fionnsgeulachd Artaireach bunaichte air Brìghde bhith.

Dleasnasan diadhaidh deasaich

Bha Brìghde 'na ban-dia na Lasrach Naoimhe na Cille Daraich agus 'na ban-dia-taic dhan Draoidhean. Bha i 'na ban-dia de h-uile rud beachdaichte 'bhith nam meudachdan àrda dàimheach mar teine àrd-èirigh, Gàidhealtachd, dùin-cnuic agus raontan mullach; agus de gnìomhaidhean agus cuir air thuigsinn ri àrdaichte gu h-inntinneil, mar gliocas, mòralachd, iomlanachd, tuigse àrd, deas-labhairt bàrdach, fear-ceàirdeachd, cumhachd an t-slànachaidh, fios nan draoidh agus ealain sa' chogadh. Tha 'n samhail Ceilteach na Minerva Ròmanach agus an Athena Grèigeach a' nochdadh 'bhith aice (Leabhar mòr-eòlais Breatannach: Creideamh Ceilteach), ban-diathan le dreuchdan glè choltach agus riochd-samhlachadh gu faicsinneach a' bhun-smuain a' 'choir àrdaichte', co-dhiù corporra no inntinneil.

Aonachadh 'steach dham Chrìosdaidheachd deasaich

An dèidh dham Chrìosdaidheachadh nam Ceiltich, bha Brìghde air smaoineachadh 'bhith 'na muime Ìosa agus air chantainn ri gu tric Naomh Brìghde, an nighean an draoidh, Dùghall MacGilleDhuinn. Cuiridh roinn nam bun an ceann gun robh Brìghde 'na h-Easbaig Caitligeach à Èirinn.

Fèillean deasaich

Air an Ghearran 1mh, bha Brìghde air mholadh aig an Imbolc, nuair thug i an t-Earrach dhan tìr. 'S e cuideachd a là cuirme (tha urram air chur oirre leis Caitligich, Fallainich na h-Ear, agus roinn Crìosdaidhean eile).

Ainmean eile deasaich

Clàr-leabhraichean deasaich

  • Ellis, Peter Berresford, Dictionary of Celtic Mythology(Oxford Paperback Reference), Oxford University Press, (1994): ISBN 0195089618
  • MacKillop, James. Dictionary of Celtic Mythology. Oxford: Oxford University Press, 1998. ISBN 0-19-280120-1.
  • Wood, Juliette, The Celts: Life, Myth, and Art, Thorsons Publishers (2002): ISBN 0007640595

Ceanglaichean a-mach deasaich