Tiolpadh
Is e tiolpadh seòrsa de bhraid no mèirle sam bithear a' goid no a' tiolpadh airgead no nithean luachmhor eile a tha ann am pòcaid no air siubhal neach gun fhios dha. Is dòcha gum feum an tiolpadair bhith ag obair gu deas-làmhach, fàillidh gus nach fairich am fulangaiche e 's nach ionndrainn e an nì tiolpte gus am bi e ro fhadalach. 'S e seo seòrsa braide a tha eadar-dhealaichte o mhèirle le gadaichean, robairean is mèirlich eile ach dh'fhaoidte gun abradh iad "peas-ghadaiche" ris an neach a dhèanadh an droch-bheart san t-seann aimsir. Uaireannan, bidh tiolpadairean ag obair ann am prasgan de luchd-braide air sràidean nam mòr-bhailtean Eòrpach airson an car a thoirt à neach-turais agus nithean prìseil a thiolpadh on phòcaid no baga aige.
Ann an sgeulachdan is beul-aithris
deasaichSa mhòr-chuid de sgeulachdan, chan e tiolpadh as cumanta ach seòrsachan mèirle eile far a bheil am mèirleach no gadaiche a' maoidheadh fòirneart air luchd-siubhail ann an àiteachan iomallach mur toir iad dha an creach, air neo, a' toirt a' char asta agus a' goid na nithean aca gu fàillidh. Gheibhear sgeulachdan eile sa bheil an "seann mhaor eòlach" ag ionnsachadh feadhainn òga airson goid. Agus tha sgeulachdan à beul-aithris sa bheil an gadaiche a' goid nithean prìseil à àiteachan sònraichte leithid meas-lios an rìgh.
Ainmean eile
deasaichDh'fhaoidte gun canar "braidean" ri fear no "bradag" ri tè a shaoilear a tha buailteach air nithean a ghoid air neach.
Mar eisimpleir, "Braidean! Ghoideadh e eadar do làmh is thaobh e!"
'S e tiolpadan no tiolpadair an t-ainm air an fhear no tè a tha ris an obair mhì-laghail seo mar dhreuchd ged a dh'fhaodadh na h-ainmean "mèirleach", "gadaiche", bradaiche" a chur air mar an ceudna le ciall nas fharsainge. Thathar a' toirt "mèirleach-pòcaid" air sa Bheurla.