Brachadh
- Is docha tha thu lorg brachadh (craiceann)
Tha brachadh na atharrachadh ceimigeach fo bhuaidh stuth mar beirm. Brachar leann is fìon.
Tha brachadh a' gabhail àite nuair a chleachdas cealla siùcar airson lùth ach gun ogsaidean a chleachdadh aig an aon àm.
Tha beirm na stuth a bhios ri brachadh. Bristidh e sìos an glùcos (glucose (C6H12O6)) ann an dà phàirt, eatanol (CH3CH2OH) agus carbon dà-ogsaid (CO2). Tha brachadh ri cleachdadh gus deochan, bith-chonnadh (biofuel) agus aran a chruthachadh. Nas coitchinne, 's ann pròiseas far an dèidear ceallan ann an readhactar a leasachadh gus barrachd cheallan no toraidhean mar alcol no drugaichean a chruthachadh.[1]
Ann an litreachas
deasaichBho Am Fear-Ciùil le Dòmhnall MacEacharna (Dìura):
Cha robh e ach a' deoghal an t-sùigh aisde; agus leis an ubhall a bhi air brachadh, bha tomhas beag de'n t-sùgh sin air tionndadh gu spiorad, no mar their an Chemist, “Alcohol,” agus 's e sin a chuir tuaineal beag 'na cheann."
Iomraidhean
deasaich- ↑ (1997): “fermentation”, ann an: Macnaught, A. D. is Wilkinson, A.: Compendium of Chemical Terminology, 2nd ed. (the "Gold Book"). Oxford: Blackwell Scientific Publications. Air a thogail 1d dhen Lùnasdal 2018.