Boson
'S e seòrsa de mhìrean bunaiteach a tha ann am boson.
Leig Satyendra Nath Bose, fiosagaiche às na h-Innseachan, ris gur urrainn do bhosonan, mar eisimpleir fotonan, an aon ìre de lùths a chòmnaidh. Cha urrainn do fhermionan, mar eisimpleir protonan agus eileagtronan, an aon ìre de lùths a chòmhnaidh mur eil diofar feartan fiosagach, mar eisimpleir toinneadh, aca.
Tha fotonan a' còmhnaigh an aon ìre de lùths ann an gathan leusair, agus tha ataman de helium a' còmhnaidh an aon ìre de lùths ann an os-lionnan.
Dh'ainmich Paul Dirac na mìrean seo air Bose. Tha bosonan a' leantainn stadastaig Bose–Einstein.