B' e bonnach-luirg an t-ainm a bha air seòrsa de cheapaire-uigh, a dh'fhaodadh a bhith 'na bhonnach-coirce, 'na bhonnach-eòrna no 'na bhonnach-seagail. B' e an t-eòrna air am bu mhotha meas.

Bha e air a dhèanamh tiugh, agus eadar dhà linntig air a lìonadh le uighean air am bruich leth-char cruaidh agus le ìm gu leòr còmhla riutha.

B' e an dleastanas air a' chloinn, mu àm an earraich, deagh shùil a chumail air crodh a bha gu breith nuair a bha an crodh uile ag ionaltradh anns a' mhonadh, agus bhite a' toirt a' bhonnaich-luirg don chiad aon a gheibheadh an laogh òg an taic a mhàthar.

Bhon chleachdadh seo, thàinig an seann ghnàth-fhacal, "An robh bonnach-luirg aice fhathast?", airson faighneachd an robh bò air laogh a bhreith.[1] [2]

Iomraidhean

deasaich
  1. DASG[dead link], Faclan bhon t-Sluagh
  2. Beachdachadh mu ainmhidhean na Gàidhealtachd, le Eachann MacDhùghaill, Transactions of the Gaelic Society of Inverness, A' Bhó, td 141