B’ e bonn-a-sia no bonn-a-sè a’ Ghàidhlig a bha air an halfpenny Sasannach.[1]

Bonn-a-sia bho 1807
Bonn-a-sia na Bànrigh Bhictoria, 1855

An t-adhbhar an t-ainm bonn-a-sia a bhith air halfpenny Sasannach, ’s e sin an aon adhbhar gu bheil sgillinn fhathast air penny Sasannach.[2] Nuair a thuit luach an airgid Albannaich gu tubaisteach air t-sàillibh sgeuma Darlen, agus a thàinig aonadh poileataigeach eadar Alba agus Sasainn ann an 1707, chaidh an an co-mheas eadar airgead Albannach (a chaidh à bith) agus airgead Sasannach a chur aig 12:1. An t-seann sgillinn Albannach, bha luach penny Sasannach oirre, agus seach gun robh 12 peighinnean ann an sgillinn, an seann bhonn-a-sia Albannach, bha luach halfpenny Sasannach air.

Às déidh decimalisation ann an 1971, nuair a chaidh 100 new pence a chur ann an nòta Sasannach, lean an t-ainm bonn-a-sia air mar Ghàidhlig air a’ ghrìogag bhig ùir half new pence, gus an deach a cur à bith ann an 1984.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dwelly: bonn-a-sia
  2. Dwelly: sgillinn