Bodach Stòrr
'S e stac-mara a tha ann am Bodach Stòrr (Beurla: Old Man of Stoer).[1] Tha e mu 60 meatair (197 troigh) a dh'àird agus tha e à clach-ghainmhich Thoirbheartanach. Tha e suidhichte beagan san ear-dheas air Rudha Stòir agus mu leth-mhìle air falbh san àirde an iar-thuath a’ Chùl-cinn. Tha a' bheinn Sidhean Mor faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 15′ 39.51″ Tuath agus 5° 22′ 57.76″ Iar. Tha slighe a' leantainn chun an staic bhon taigh-solais Ru Stoer.
Tha Bodach Stòrr ainmeil a-measg an luchd-sreap. Chan urrainnear an stac a ruigsinn ach ma bhios a’ mhuir air falbh. Tha na fulmairean (Fulmarus glacialis) cunnartach don luchd-sreap ma thèid iad ro fhaisg orra. Chithear fàsgadairean (Stercorarius parasiticus) agus fithich an seo cuideachd.
Anns na 1990an rinneadh sreath telebhisean mu shreap agus teasairginn bheanntan an seo.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC015352
- Lochinver Scotland (Beurla)
- WHFP 2017-09-28: Urras ag iarraidh sgrùdadh air co-dhùnadh na Comhairle a thaobh an Stòrr