B’e Blàr an Somme ann an 1916 fear de na blàran a b’fhuiltiche sa Chogadh Mhór. Thòisich e air 1 an Iuchair agus mus dàinig an oidhche air a’ chiad là sin, bha Arm Bhreatainn air a’ chall a bu mhiosa ’na eachdraidh fhulang - faisg air 60,000 saighdear air am marbhadh neo air an leòn.

Blàr an Somme

Nuair a chuir Field-marshall Dùbhghlas Haig, comandair nam feachdan Breatannach stad air an t-sabaid air 18 an t-Samhain, bha corr is 650,000 Gearmailteach marbh, leòinte no air an call; mar an ceudna bha corr is 600,000 saighdear Breatannach agus Frangach, agus cha robh iad air a dhol air adhart ach cóig mìle.

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich