Bile Margaidh A-staigh na Rìoghachd Aonaichte

'S e bile a chaidh san Taigh nan Cumanta le amas bacaidhean malairt eadar na dùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte a bhacadh anns a' Bhile Margaidh A-staigh na Rìoghachd Aonaichte (Beurla: United Kingdom Internal Market Bill).[1]

Bhiodh a' Bhile riaghailtean ùra anns na dùthchannan a riaghlachadh agus Oifis airson a' Mhargaidh A-staigh a chruthachadh. Ach bheireadh i cuideachd cumhachdan do Riaghaltas Westminster maoinean leasachaidh roinneil a chosg ann an Alba, anns a' Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath, is an cùmhnant eadar-nàiseanta leis an Aonadh Eòrpach a bhriseadh ma bhios eas-aonta eadar an riaghaltas ann an Westminster agus an Aonadh Eòrpach mu malairt eadar Èirinn a Tuath agus a nàbaidhean.[2]

Chaidh e san Taigh nan Cumantan 9 Sultain 2020 is san Taigh nam Morairean anns an Dàmhair.

Càineadh

deasaich

Cha tug Pàrlamaid na h-Alba cead dhi.[3] Thuirt Mìcheal Ruiseal gun tolladh a' Bhile tiomnadh chumhachdan do dh'Alba is gum briseadh e lagha eadar-nàiseanta.[4] Thug a h-uile duine a bha na prìomhaire agus iad fhathast beò slaic dha.[5] Leig Sir Jonathan Jones, rùnaire maireannach aig an roinn laghail dhen Riaghaltas Westminster, a dhreuchd suas is e a' togail fianais an aghaidh na Bile.[6]

Iomraidhean

deasaich
  1. Bill documents — United Kingdom Internal Market Bill 2019-21”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020.
  2. UK Internal Market Bill”. The Institute for Government. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020.
  3. McGill, David (8mh dhen Dàmhair 2020): “Legislative Consent: United Kingdom Internal Market Bill –UK Legislation”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020.
  4. UK Internal Market Bill”, Riaghaltas na h-Alba. 8mh dhen t-Sultain 2020. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020. 
  5. Fifth ex-PM speaks out against post-Brexit bill”, BBC News. 14mh dhen t-Sultain 2020. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020. 
  6. Senior government lawyer quits over Brexit plans”, BBC News. 8mh dhen t-Sultain 2020. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2020.