Bhictòria, Astràilia
'S e Bhictòria aon dhe na Stàitean Astràilianach agus 's e am fear leis an t-sluagh is motha as dèidh na Cuimrigh Nuadh a Deas a th' ann. 'Se Melbourne am prìomh-bhaile aige agus is e an dàrna baile is motha anns an dùthaich gu lèir. Tha Bhictòria suidhichte air oir dheas Astràilia, le Astràilia a Deas iar air agus a' Chuimrigh Nuadh a Deas tuath air, agus faisg air Eilean Thasman.