Beinn Dronaig
'S e beinn air Oighreachd Atadail air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Dronaig. Tha i 797 m de dh’àirde agus ’s e Corbett a th' ann. Tha i suidhichte ann an àite iomallach eadar Atadal agus Loch Monar dìreach os cionn Loch Calavie.
Beinn Dronaig | |
---|---|
Àirde (m) | 797 |
Àirde (tr) | 2,615 |
Àirde rinneach (m) | 432 |
air liosta | Corbett |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Atadal |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 Explorer 429 |
Comharradh-clèithe | NH037381 |
Mar as trice bithear a' dol suas Beinn Dronaig bho Atadal, agus dh'fhaodadh pàirt den t-slighe a dhèanamh air an rothair. Tha bothan, Loidse Beinn Dronaig, san iar-thuath den bheinn, agus 's ann le Oighreachd Atadail a tha e.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Loch Carrann agus beanntan Achadh na Seileach.
Sealbh
deasaich'S ann air Oighreachd Atadail a tha Beinn Dronaig[1].