’S i a’ bhò Ghàidhealach, seòrsa de chrodh adharcach a bhuineas do Ghàidhealtachd na h-Alba. Tha i cho tapaidh ’s gu bheil àrainneachd is sìde aig oir a’ chuain agus air slèibhtean creagach na Gàidhealtachd a’ freagairt gu math dhi. Mar sin dheth, thèid aice air feuraich bochd truagh fhulaing fad sheachdainnean. ’S urrainn dhi a slighe a dhèanamh thairis air bealach, a’ snàmh tarsainn air loch agus eadhon laogh a bhreith san sneachda, nam biodh adhbhar ann. Ged a tha coltas caran eagalach air crodh Gàidhealach air sgàth an adhaircean, tha iad gu math socair mar as trice cho fad is nach eil laoigh aca.[1]

Bò Ghàidhealach ruadh
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Coltas deasaich

Tha crodh Gàidhealach nas lugha am meud na crodh-bainne, ach le cho calgach is a tha an còta fionnaidh aca, agus adharcan mòra lùbte orra, tha aogas nam beathaichean seo tàlaidheach drùidhteach. Mar as trice, san latha a th’ ann an-diugh, tha dath ruaidh orra, ach tha crodh dubh a’ fàs nas cumanta a-rithist, agus gheibhear fiù ’s beathaichean le calg bàn, buidhe, gann is ged a tha iad. Bho chionn dà linn, b’ e dubh an tuar a bha fada na bu bhitheanta, gu h-àraid air an taobh an iar.[2]

Eachdraidh deasaich

’S i aon de na gnèithean chlàraichte as aosta air an t-saoghail a th’ anns a’ bhò Ghàidhealach. Chaidh a chiad “leabhar-treud” a chur air dòigh ann an 1884. Bha an seòrsa cruidh seo na phàirt cudthromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, agus tha iad nam mìr tarraingeach ann an àiteachas fàs-bheairteach an latha an-diugh.

B' e crodh dubh a bu chumanta bho chionn dà linn, ach thàinig gun d' fhuair crodh ruadh làmh an uachdair rè an naoidheamh linn deug. B' e bun-stèidh eaconomaidh Gàidhealtachd na h-Alba fad linntean a bh' anns a' bheathach seo agus aig ìre ionadail, gheibheadh bainne, càise, ìm, gaoisidean airson an t-snìomhaidh agus (mu dheireadh thall) craiceann is leathar a rachadh a chur gu feum mòr.

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig) deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. [1]Teamplaid:Fix/category[dead link] Am Baile
  2. The Highland Cow, Colin Baxter Photography, Baile Ùr nan Granndach, Alba. ISBN 1-84107-283-4



Dealbhan deasaich