Is docha tha thu lorg Pàislig.

Tha bàislig (basilica) na eaglais mhòr, neo eaglais àrd-easbaig. Is ann bhon Laideann a thàinig am facal Gàidhlig “bàislig” agus am facal Beurla “basilica”, agus thug na Ròmanaich e bhon Ghreugais Basiliké Stoà, a’ ciallachadh Stoa rìoghail. Tha am facal fhèin ro-Chrìosdaidh, agus bha bàisligean air a thogail anns a' Ghrèig ann an 2 linn RC, mar togalaich poballach. San latha an diugh, feumaidh am Pàpa a ràdh cò na h-eaglaisean a tha nam bàisligean.

Bàislig.
Bàislig Naomh Pheadair ann an Ròimh

Tha ainm a’ bhaile Pàislig a’ tighinn bhon fhreumh seo, tro chànan Breatannach.[1]

Bàislig Naomh Steaphain, Budapest

Iomraidhean

deasaich
  1. James, Alan: “Brittonic Language in the Old North”. Scottish Place-Name Society. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018 (pdf).