Ann an Atharrachadh Cànain tha cànan sluaigh ag atharrachadh gu cànan eile. Bidh sin a' tachairt gu h-àraidh bho mhion-chànanan gu mòr-chànanan ann an dùthchannan far a bheil mion-chultar agus mòr-chultar a' fuireach. Gu tric tòisichidh Atharrachadh Cànan le dà-theangachas ann an aon ghinealach, agus air adhbharan poilitigeach agus inbhe cha chuir an ginealach sin am mion-chànan air adhart ris an ath ghinealach. Aig deireadh na cùise bidh sin a' leantainn gu bàs cànain.

'S e Ath-bheothachadh Cànain oidhirp le daoine, coimhearsnachdan, pàrtaidhean poilitigeach no buidhnean cultarail bacadh a chur air crìonadh cànain. Tha diofar ann eadar oidhirpean bhon bhonn suas (bottom-up), far a bheil a' choimhearsnachd, na daoine fa-leth a' feuchainn ri an cànan aca ath-bheothachadh agus oidhirpean a-nuas (top-down) far a bheil an riaghaltas a' stiùireadh nan oidhirpean.

Tha cànanaichean eadar dà bharail air a' cheist an gabh rudeigin a dhèanamh an aghaidh atharrachadh cànain no an e pròiseas nàdarrach a th' ann. Tha Joshua Fishman gu làidir den bheachd gun gabh cànanan a tha ann an cunnart sàbhaladh. Tha e a' sealltainn sin anns an leabhar aige Can Threatened Languages be saved.

'S e Eabhra an aon chànan a chaidh ath-bheothachadh gu soirbheachail, leis gur e cànan marbh a bh’ ann roimhe, a’ riaghladh air ginealach ùr de luchd-labhairt dùthchasach a chruthachadh gun luchd-labhairt dùthchasach sam bith roimhe mar eisimpleirean anns an 20mh linn.

Sgèile Ceumnaichte Crìonaidh eadar Ginealaichean (Joshua Fishman)

deasaich

Chaidh an Sgèile Ceumnaichte Crìonaidh eadar Ginealaichean a chruthachadh le Joshua Fishman[1] gus pròiseas Tionndadh Atharrachadh Cànain a shealltainn. Anns a' chainnte aige 's e X-ais am mion-chànan, agus Y-ais am Mòr-chànan. X-aich agus Y-aich luchd-labhairt nan cànanan sin.

  • 1. X-ais ga cleachdadh ann am foghlam, obair, mòr-mheadhanan is riaghaltas aig ìrean àrda agus nàiseanta.
  • 2. Seirbheisean riaghaltais is mhòr-mheadhanan ann an X-ais aig ìre ionadail is sgìreil.
  • 3. X-ais ga cleachdadh ann an ionadan obrach (taobh a-muigh na coimhearsnachd) far a bheil X-aich is Y-aich ag obair còmhla.
  • 4a. Sgoiltean air leth bhon fheadhainn Y-ach, fo smachd luchd X-ais gu ìre mhòr.
  • 4b. Sgoiltean poblach do chlann X-ach, a' teagasg gu ìre ann an X-ais, ach fo smachd Y-ais.

II. TAC a' dol seachad air dà-theangachas (às dèidh a stèidheachaidh)

  • 5. Ionnsaichidh daoine leughadh is sgrìobhadh ann an X-ais air taobh a-muigh siostam oifigeil an fhoghlaim.
  • 6. Clann ag ionnsachadh 's a' cleachdadh X-ais anns an dachaigh/teaghlach/choimhearsnachd.
  • 7. Conaltradh cultarach a' tachairt ann an X-ais am measg sheann daoine sa choimhearsnachd.
  • 8. Ag ath-chruthachadh X-ais agus inbhich ag ionnsachadh X-ais mar dhàrna cànan.

I. TAC a' feuchainn ri dà-theangachas a stèidheachadh (ma tha tuigse fheallsanachail ro làimh ann)

Factaran a chuireas cànan air adhart (David Crystal)

deasaich

Anns an leabhar Language Death[2] bruidhnidh David Crystal mu dheidhinn sia factaran a dh'fhaodadh cuideachadh le ath-bheothachadh soirbheachail:

  • feumaidh na daoine an cliù àrdachadh
  • feumar beartas na coimhearsnachd àrdachadh an coimeas leis a’ mhòr-chultar
  • fàirdeachadh neirt poilitigich is poblaich
  • mion-chànan na phàirt ann am foghlam
  • sgrìobhadh sìos a’ chànain
  • cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh airson conaltraidh, ionnsachaidh agus àrdachadh inbhe phoblaich
  1. Fishman, J. A. Reversing language Shift duilleagan 394-5. Clevedon (1991) Eadar-theangachadh le Iain Mac an Tàilleir
  2. Crystal, D. Language Death. Cambridge(2000)

Leabhraichean

deasaich