Artair Dòmhnallach
’S e actair agus stiùiriche dràma ann an Gàidhlig agus Beurla a tha ann an Artair Donald.
Artair Dòmhnallach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Tiriodh, 1967 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam | Institiuid Tèatar is Film Lee Strasberg |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | actair agus stiùiriche fhilmichean |
IMDb | nm0232011 |
Thogadh e ann an eilean Thiriodh. Thàinig e ’na oileanach gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 1989. Tha e air a bhith an sàs ann an dràma proifeiseanta air réidio, àrd-ùrlar, telebhisean is film bhon uair sin. Choisinn e cliù mar chleasaiche anns an dràma Ghàidhlig Machair fad 8 bliadhna is bha e ann an Rab C. Nesbitt (BBC Scotland) agus Eilbheis (BBC Alba). A bharrachd air telebhisean, tha e air a bhith an sàs ann an dràma air an àrd-ùrlar fad iomadh bliadhna, gu h-àraid leasachadh dràma Gàidhlig agus o chionn ghoirid còmhla ri Cartoon Theatre, a shiubhail air feadh na dùthcha le dealbh-chluiche ùr anns a' Ghàidhlig. Thill e gu Sabhal Mòr Ostaig fad beagan bhliadhnaichean ’na neach-dràma air muinntireas.
Tha Artair na Stiùiriche Ealain air Sgoil-shamhraidh Dràma Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal agus tha e os cionn buidheann dràma Gàidhlig do dh'òigridh ann an Glaschu.