Tha aran-coirce no bonnach air a dhèanamh air min-choirce garbh, sòda arain, salann, geir leaghte, agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an àmhainn, no ga bhruich air greideal.

Aran-coirce agus clapshot

Alba deasaich

Tha aran-coirce no bonnach na bhiadh cumanta ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca. Mar eisimpleir, bidh daoine ga ghabhail le brot an àite aran, no aig biadh na maidne le silidh. Is tric a bhios daoine gan gabhail le càise, agus tha iad rim faicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd mar cho-phàirt diathaid.