Aonghas MacMhathain
B' e a' chiad shealbhadair Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a bha ann an Aonghas MacMhathain (Beurla: Angus Matheson).
Aonghas MacMhathain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Na Hearadh, 1 dhen Iuchar 1912 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 2 dhen t-Samhain 1962 |
Teaghlach | |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath Oilthigh Dhùn Èideann 1934) eòlas Ceilteach Oilthigh Bonn |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | òraidiche agus ollamh |
Fastaichean |
Oilthigh Ghlaschu Oilthigh Dhùn Èideann |
Rugadh e anns na Hearadh agus thogadh e ann an Uibhist a Tuath. Cheumnaich e ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1931 agus chaidh e na òraidiche agus ceannard na roinne Cheiltis aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1938. Nuair a chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh chaidh e na ollamh. Chaochail e ann an 1962.[1]
Bha a bhràthair, Uilleam MacMhathain, na leughadair ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “20mh linn - Eachdraidh na Roinne - Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ “William Matheson”. 2na dhen Dùbhlachd 1995. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.