Anna na Breatainn Bige
(Air ath-sheòladh o Anna na Breatainn Bheag)
B' e Anna na Breatainn Bige (Fraingis: Anne de Bretagne; Breatannais: Anna Vreizh; 25 am Faoilleach 1477–9 am Faoilleach 1514) ban-diùc na Breatainn Bige is Banrigh na Frainge dà thuras anns an 16mh linn.
Rugadh i, nighean François II Bhreatainn Bige is Marguerite de Foix, ann an Nantes is chaidh i na ban-diùc nuair a bha i 11 bliadhna a dh'aois. Phòs i Maximilian Hapsburg ann an 1490, agus an sin Charles VIII na Frainge ann an 1492, nuair an deach i na banrigh na Frainge. Chaochail e ann an 1498 is phòs i Louis XII na Frainge. Bha naoinear chloinne aice, ach chaochail seachdnar nuair a bha iad glè òg. Chaidh a mac François na Rìgh na Frainge ann an 1515, aon bhliadhna an dèidh dhi bàsachadh.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Qui est Anne de Bretagne”. Morbihan. Air a thogail 9mh dhen Fhaoilleach 2019.