An deasbaireachd aig Uicipeid:Ro-ràdh

Latest comment: 6 bhliadhnaichean air ais by Sionnach in topic Strì eadar com-pàirtean

Strì eadar com-pàirtean deasaich

Bu mhath leam pìos a chur ris na Còig Colbhan air 'strì eadar com-pàirtean' (conflict of interest - bho Faclair Rianachd Phoblach). Tha mi a' moladh fo 'Sealladh Neo-thaobhach':

'Strì eadar com-pàirtean (conflict of interest) - chan fhaod thu sgrìobhadh mu do dhèidhinn fhèin, no mu dheidhinn buidheann a tha gad fhastadh. Leis nach ann airson sanasachd a tha Uicipeid, bu chòir a bhith faiceallach nach eil thu a' sgrìobhadh mu chuspair anns a bheil com-pàirt pearsanta agad.'

Cuiridh mi seo cuideachd aig mullach na duilleig:

'Tha an duilleag seo a' mìneachadh phoileasaidhean bunaiteach Uicipeid. Feuch nach atharraich an duilleag seo gun deasbad air an duilleag deasbaireachd.'

--Susan.nls (an deasbaireachd) 11:52, 20 dhen Ògmhios 2017 (UTC)Reply

Hm, gu ruige seo chan fhaca mi mòran trioblaidean le conflict of interest (faic m.e an aiste Akerbeltz còmhla ris an deasbad seo no eachdraidh na duilleige Michael Bauer). No a bheil sibh dhen bheachd gum b' e COI a bh' ann?
Mar sin saoilidh mi gum bi "chan fhaod thu sgrìobhadh mu do dhèidhinn fhèin" ro làidir an seo an-dràsta. Gu tric chan urrainnear ag ràdh le cinnt cò sgrìobh/leasaich an aiste co-dhiù, gu h-àraidh ma bhios cuideigin a' cleachdadh seòladh IP no cunntas le far-ainm.
B' fheàrr leam fhìn rudeigin mar mholadh/rabhadh gum bu chòir a bhith faiceallach ma sgrìobhas cuideigin mu a dheidhinn no mu chuspair aig a bheil com-pàirt pearsanta aige/aice. Ma nithear sin feumar a bhith gu math faiceallach gu bheil sin a' leantainn nan còig colbhan, gu h-àraid a thaobh shealladh neo-thaobhach, air sgàth 's nach ann airson sanasachd a tha Uicipeid. Mholainn gum bu chòir iomraidhean bhon taobh a-muigh a bhith ann cuideachd.


Rinn mi barrachd beachdachadh air a' chuspair seo agus choimhead air cuid Uicis eile; seo cuid de na poileasaidhean eile a tha inntinneach dhomh:
  • En simple: A Wikipedia conflict of interest (COI) is when an editor wants to do something which does not help Wikipedia's goal, which is to produce a neutral, reliably sourced encyclopedia. Changing pages to promote your own interests or those of other people, companies, or groups, is a COI. Where outside goals are more important to a user than building Wikipedia, that person has a conflict of interest.
  • Scots: Conflict o interest (COI) eeditin is when fowk contreibute content tae a subject thay are hae close ties wi. For example, eeditin airticles aboot yersel, yer clients, employers, company, faimily, or onything or person that ye hae close ties tae. Thare is nothin wrang wi COI eeditin, as lang as it is duin follaein ither policies.
  • Faic cuideachd aig deireadh an dàrna earrainn: Employees at cultural and academic institutions: We want experts editing Wikipedia articles. Merely being employed by an institution is not a conflict of interest.
Le àireamh cho beag de dhaoine aig a bheil comas sgrìobhaidh sa Gàidhlig (faic: Cunntas-sluaighna h-Alba 2011: Aithisg na Gàidhlig) tha mi den beachd nach bu chòir poileasaidh chruaidh a bhith againn. Mar sin tha mi a' moladh dìreach rabhadh airson a bhith mothachail air sin. Is dòcha rudeigin mar sin:
Tha Strì eadar com-pàirtean (conflict of interest) ann ma sgrìobhas tu mu do dhèidhinn fhèin, no mu dheidhinn buidheann a tha gad fhastadh ann an dòigh a tha a' dol an-aghaidh amasan Uicipeid (me: sanasachd/whitewashing). Mar sin bi faiceallach, ma sgrìobhas tu mu chuspair aig a bheil com-pàirt pearsanta agad gum bi thu a' leantainn gu dlùth a' cholbh air sealladh neo-thaobhadh (agus/le iomraidhean bhon taobh a-muigh?)
Aig a' cheann thall bu chòir dhuinn daoine le Gàidhlig a bhrosnachadh gus sgrìobhadh an seo:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 07:23, 27 dhen Ògmhios 2017 (UTC)Reply
Till gu duilleag "Ro-ràdh" a' phròiseict.