Tha An Wassail na sgàilean mòr le Teàrlach Rennie Mac an Tòisich a chìthear ann an Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an Glaschu. Ri a thaobh, chìthear Bàn-righ na Bealtain, sgàil leis a chèile, Mairead Nic Dhòmhnaill

An Wassail le Tearlach Rennie Mac an Tòisich.Taigh-Tasgaidh Kelvingrove, Glaschu.

Tha an dà sgàilean air an dèanamh le heisean, snàth, sgragall òir, grìogagan agus slige-neamhnaid.

Bha an cupal gu math tric ag obair còmhla ri chèile, agus b' e na sgàilean seo a ceud ann a sreath cho-obrachaidh. Sgrìobh Mac an Toisich ann an litir, "Tha sin ag obair orra còmhla ri chèile, agus le sin tha an obair na thlachdmhor."

Tha na sgàilean Mac an Tòisich a' thort dealbh air fèisean an fhoghar anns na mìosachan ro-Chrìostail; aig àm a bhuain a tha air a gàirdeacadh le deoch làidir.

Bàn-righ na Bealtain le Mairead Dhòmhnallach. Taigh-tasgaidh Kelvingrove, Glaschu.

Tha an sgailear co-fhreagrach aig Mairead Nic Dhòmhnaill a thort dealbh air Latha Bealtainn anns a Chéitean.

Tha na pìosan a' taisbeanadh feachdan suaicheanta 'Stoidhle Sgoil Ghlaschu'. Mar eisimpleir, boireannaich le falt fada dorcha, an ròs Ghlaschu agus dealain dhè.

Tha cuid ag ràdh gu robh ùidh mhór aig Mac an Toisich anns an ocultachd.

Bha na sgàilein air an taisbeanadh anns an "Seòmar Albannach" aig an 8mh taisbeanadh Vienna Secession anns an Ostair fad da mhìos ann a 1900.

Bha an seòmar Albannach na shoirbheas coimeirsealta, agus tharraing e tòrr aire. Thill na sgàilein à Vienna a Ghlaschu mìos às deigh na taisbeanaidh agus air an cur dhan seòmar teatha neach-tionnsgain, Miss Cranston.

Cheannaich Comhairle Ghlaschu na sgàilein ann an 1951 agus tha iad ri faicinn s' ann Taigh-tasgaidh Kelvingrove.