Beurla Ghallda an Ear-thuath a Deas

Dual-chainnt na Beurla Ghallda
(Air ath-sheòladh o An Ear-thuath a Deas)

Is e Albais an Ear-thuath a Deas (Beurla Ghallda: Sooth Northren Scots) buidheann de chainntean na Beurla Gallda mar a tha no a bha i ga bruidhinn ann an Siorrachd Aonghais agus a' Mhaoirne.

Ged a tha iad gam bruidhinn fhathast, faodar a ràdh le cinnt gu bheil làmh an uachdar aig a' Bheurla Shasannach sa cheàrn seo.

Ann an Siorrachd Aonghais, tha a' chainnt ag atharrachadh gu mòr eadar Farfar is Breichin no Mon Ròs agus Obar Bhrothaig.

Cainnt Obar Bhrothaig[1]

deasaich

Ged nach e sgìre mhòr a th' ann an Aonghas, tha diofaran gu leòr ann an cainnt Obar Bhrothaig an coimeas ri cainntean eile san t-siorrachd.

Fuaimneachadh

deasaich

Tha Obar Bhrothaig suidhichte air a' chrìoch sa bheil am fuaim "wh" ag atharrachadh chun fhuaim "f" Bhùchainneach, agus cluinnear an dà fhuaim uaireannan ann an cuid de dh'fhaclan mar na leanas.

  • dè: "whut" no "fut" no "fat"
  • cuin: "fan" no "fin" no uaireannan "hin"
  • cò: "wha" no "fa"
  • càite: "whar" no "far"
  • carson: "hoo" no "foo"
  • ciamar, mar an ceudna: "hoo" no "foo"

Tha an litir "r" ag atharrachadh air uairean agus i a' gabhail àite na fuaimreig a tha roimhpe no a tha ga leantainn, mar eisimpleir: "brunt" (loisgte), "krib" (cirb-cabhsair), "cruds" (gruth), "kirsen" (baist), "girsel" (brisgean), "scart" (sgròb) no "warsle" (gleac).

Thathar ag ràdh "ng" nam faclan "anger", "finger", "hunger", "single" mar a tha "singer" ga fhuaimneachadh.

Ro na 1990an, bhiodh an ginealach a bu shine sa bhaile a' cur "t" ri cuid a dh'fhaclan, mar a tha "wisht" air "wish" agus "clifft" air "cliff".

Abairtean àraidh Obar Bhrothaig[1]

deasaich

Gheibhear an seo liosta bheag de dh'abairtean a bha uair gu tric air beul a' bhaile, gu h-àraidh sa cheàrn ris an abrar "Fit o the Toun", san robh na maraichean a' fuireach agus far a bheil na ceannaichean èisg ann fhathast. Chan eil innte ach taghadh crìon den bheartas cainnt a bha ann roimhe.

  • Tha days creep in/out. (Tha na làithean a' fàs nas giorra/nas fhaide)
  • Feelin' fell wabbit. (Tha sgìos air)
  • It's aa by noo. (Tha a h-uile càil seachad a-nis.)
  • Black affrontit. (Dubh nàire)
  • Atween the wind and the wa'. (Beò air an ailbhe)
  • Hingin the cat (A' màirnealachadh)
  • By hae! (Mo chreach 's a thàinig!)
  • Ee's goat a slitt wantin (Chan eil sgot a chruthaich an cruithear aige)
  • Blether-skite (Babhtair, neach a sgaoileas fathannan)
  • Ah'll hae less o yer dick (Nach ann agad a tha an aghaidh)

Corra fhacal à Obar Bhrothaig[1]

deasaich

Taghadh beag de dh'fhaclan Gallda a' bhaile on leabhar aig Walter Gray.

  • doagit: ceigeach, cèasach
  • dover owre: dubadaich nad chadal
  • drappie: dileag uisge-bheatha; dileagan beaga
  • cushie-doo: calman-coille
  • reeshil: starbhanaich; risleadh (Gàidhlig Pheairt) Beurla Shasannach: rustle
  • rickle o beens: caoiltean-caoil; Beurla Shasannach: living skeleton
  • rickle o steens: togalach robach, tobhta; Beurla Shasannach: dilapidated building

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Gray, Walter (1992): “Aberbrothock Dialect Dictionary”, Parliamo Aberbrothock, td. 34-64. ISBN 0-900454-09-1. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich