Rèabhlaid Ameireaganach

Declaration of Independence le John Trumbull
Ceann-latha an t-Iuchar 1776 – 1783
Àite Aimearaga a Tuath
Buil neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte
Aonta-shìthe Còrdadh Pharas
Luchd-dùbhlain
Na Stàitean Aonaichte An Rìoghachd Aonaichte
Cinn-fheachda
George Washington

Thachair an t-Ar-a-mach Ameireaganach eadar 1775 agus 1783 agus 's ann anns a' chogadh sin a bhuanaich na 13 tìrean-imrich an neo-eisimeileachd bho Breatainn. Gu ruige seo, bha na 13 tìrean-imrich air a bhith fo smachd Breatainn. As dèidh a' chogaidh bha iad a-nis aonaichte ann an aon dùthaich neo-eisimeileach.

Adhbharan

deasaich

Tha freumhan na rèabhlaide a' dol air ais gu Cogadh nan Seachd Bliadhna neo dhan Chogadh Fhrangach 's nan Innseanach Ruadhach. Ro Chogadh nan Seachd Bliadhna, cha robh mòran ceangal eadar na tìrean-imrich Breatannach ann an Aimearaga. Bha iad ceangailte ri Breatainn ceart gu leòr ach cha robh mòran gnothaich aca ri chèile. Ach nuair thòisich an cogadh ris an Fhraing, b' fheudar dhaibh aonachadh ri chèile ann an dòigh nach do rinn iad riamh roimhe. B' e seo cleachdadh ùr dhaibh, a chuir iad gu mòr an gnìomh a-rithist nuair thog Pàrlamaid cìsean air diofar rudan airson ionmhas a thional airson chosgaisean a' chogaidh.

Bha Cogadh nan Seachd Bliadhna glè chosgail do Bhreatainn agus smaoinich Pàrlamaid gu robh e ceart agus iomchaidh gum pàigheadh na tìrean-imrich cuid de chosgaisean a' chogaidh agus thòisich iad air cìsean a thogail air diofar rudan ann an Aimearaga. Mar eiseimpleir, ann an 1765, chruthaich a' Phàrlamaid cìs ùr ris an canar The Stamp Act, a stèidhich cìsean air mòran rudan a bha an clò, leithid pàipearan-naidheachd, tiomnaidhean, cùnnraidhean, fiù's càirtean-cluich. Dh'adhbhraich seo connspaid mhòr anns na tìrean-imrich leis nach robh iad air an riochdachadh anns a' Phàrlamaid. Dhiùlt iad gabhail ri na cìsean. Ach aig a' cheann thall, chuir a' Phàrlamaid às do na cìsean aig toiseach 1766. Ach chùm a' Phàrlamaid oirre a' chumail a-mach gun robh làn chòireachan aice cìsean a chur air na tìrean-imrich mar a thogradh i.

Dh'fhan cùisean caran sìtheal gu ruige 1767 nuair a thòisich comh-strì às ùr. Bha dà adhbhar ann airson sin. Chuir a' Phàrlamaid ann am Breatainn às do Phàrlamaid na tìrean-imrich ann an New York air sgàth 'a gun do dhiùlt iadsan gabhail ri lagh eile a chaidh a chur an gnìomh ann an 1765 agus b' e seo na Quartering Acts. Fon lagh seo, b' fheudar do na tìrean-imrich taic a thoirt do na feachdan Breatannach a bha stèidhichte ann an Aimearaga: dhiùlt Pàrlamaid New York sin a dhèanamh. Agus mar fhreagairt, chuir Pàrlamaid na Breatainne às dhi ann an 1767. Aig an dearbh àm, chuir i an gnìomh cìsean ùra: na Townsend Acts a stèidhich ann an 1767 cìsean air in-mhalairt de rudan cudthromach do na tìrean-imrich a leithid luaidhe, pàipear, glainne agus teatha.

Thòisich seo gearan 's comh-strì a b' ùr agus mar fhreagairt, chuir Breatann saighdearan a bharrachd a dh'Aimearaga. Agus b' e làthaireachd saighdearan a' coiseachd nan sràidean cùisean-gearain a bharrachd do na h-Aimearaganaich. Thachair aimhreit mhairbhteach ann am Boston an 5 am Màrt, 1770 eadar saighdearan Breatannach 's sìobhaltaich. Thug grunn sìobhaltaich ionnsaigh air buidhinn de shaighdearan Breatannach agus losg na saighdearan air ais orra. Chaidh còignear a mharbhadh 's sianar a leòn leis na peilearan. 'S e "Boston Massacre" a thuirt na h-Aimearaganaich ris na thachair agus b' e seo ceum mòr sìos an rathad gu cogadh.

Bho sin a-mach bha sreath de thachairtean a lean gu cogaidh. Mar eisimpleir, thug na h-Aimearaganaich teine air soitheach-chogaidh Gaspée san Ògmhios, 1772 a chaidh a chur gu Aimearaga gus na laghan dhen Phàrlamaid Breatannaich a thoirt gu buil. Ann an 1763, chaidh buidhinn de luchd-tìr-imrich air bòrd long ann am port Boston. Rug iad greim air a' charagò de teatha agus mhill iad e le bhith ga thigeil sa mhuir. Chuir sin fearg air Pàrlamaid Breatainn agus mar fhreagairt dhùin iad am port Bostoin agus chuir iad an t-arm gu Boston gus smachd a chumail oirre. Chaidh gairm a-mach thar na tìrean-imrich gus còmhdhail a chruinneachadh agus thòisich mailisidhean a trèineadh le droch rùn an aghaidh nam Breatannach.

Cath Lexington agus Concord - Toiseach an Ar-a-mach

deasaich

Nuair a thòisich a' bhliadhna 1775, cha robh ach sradag a dhìth airson a h-uile nì a lasadh a-mach na chogadh. Thàinig an t-sradag-sa nuair dh' fheuch na Breatannaich grèim a bhreith air ceannardan na h-iomairt an aghaidh Breatainn ann am Massachussets agus air cuid de dh'uidheamachd chogaidh a bha iad air tional. Chaidh buidhinn de 700 shaighdearan Breatannach à Boston air an oidhche, an 18mh Giblean, 1775. Bha na luchd-mailisidh a' feitheamh a leithid agus bha planaichean aca mar tha. Chaidh teachdairean a-mach a' gairm tron oidhche gu robh na saighdearan dearga a' tighinn agus tron oidhche, chruinnich mailisidhean an aghaidh nan saighdearan Breatannach. As deidh caismeachd de {rannsaich} mìle, thachair na saighdearan Breatannach air 75 luchd-mailisich nan seasamh a bha a' feitheamh orra ann an Lexington. Thòisich an oifigear Breatannach òrdachadh dhaibh a sgapadh. Chun an latha an-diugh chan eil fhios cò a bu choireach ach fad sa bha sin a' tachairt, leig urchair a-mach bho àiteigin neo coreigin agus thòisich na saighdearan Breatannach losgadh air na luchd-mailisidh. Thuit 18 dhiubh marbh neo leònte agus theich an càch. Lean na Breatannaich orra gu Concord a bha mu 17 mìle bho Bhoston ach sgap naidheachd mu na thachair fad 's farsaing agus cha b' fhada mus robh na saighdearan Breatannach air an cuairteachadh le mìltean de luchd-mailisidh 's an caoch orra. Thòisich seo sreath de bhatailean, beaga agus mòra eadar na saighdearan Breatannach agus na luchd-mailisidh. Bha na h-aonadan-mailisidh a' falbh 's a' tighinn. Nuair a chaitheadh aonad-mailisidh a chuid peilearan, dh'fhàgadh iad am blàir 's dh'fhalbhadh iad dhachaidh ach thigeadh aonadan eile nan àite. Chaidh mòran saighdearan Breatannach am marbhadh 's an leòn, cha robh mòran peilearan air fhàgail dhaibh. Bha iad ann am fìor èiginn. Chaidh buidhinn de mìle saighdearan a bharrachd à Boston gus an sàbhaladh agus choinnich iad riutha ann an Lexington. Às deidh dhaibh beagan fois a ghabhail chum iad orra air ais a Bhoston 's iad air an leantainn le luchd-mailisidh. Thachair batailean eile a bha gu math fiathaich ach mu dheireadh ràinig na Breatannaich Boston gu sàbhailt aig dol fodha na grèine. Bha iad air 273 a chall, marbh 's leònte. Chaill na h-Ameireaganaich 95. Nuair a dh'èirich a' ghrian larna-mhàireach, bha Boston agus na Breatannaich na broinn air an cuairteachadh le còrr 's 20,000 luchd-mailisich a bh'air cruinneachadh tron oidhche. Bha an t-Ar-a-mach Ameireaganach air tòisicheachadh.

Thug naidheachdan a' chath buaidh mhòr air na tìrean-imrich eile. An 10mh Ceitean, chruinnich an Darna Còmhdhail Tirmorach ann am Philadelphia agus thoisich iad stiùir a chur air a' ghnothach. Às na diofar aonadan mailisidh chruthaich iad an t-Arm Tirmorach agus thagh iad George Washington na sheanalair os a chionn. Chaidh esan a Bhoston agus ghabh e smachd air na feachdan ann an sin.

Cogadh anns a' Cheann-a-Tuath - 1775 - 1776

deasaich

An 10mh Cèitean, 1775, chaidh buidheann de shaighdearan-mailisidh à Vermont 's fear Ethan Allen agus Benedict Arnold os an cionn gu ruige Dùn Ticonderoga a bha suidhichte air bruathach Loch Deòrsa anns a' cheann a tuath New York. Bha an dùn cudthromach or b' fheudar do fheachd sam bith a' thighinn a-nìos à Canada dhol seachad air. Uill, choisich an fheachd Ameireaganach a-steach air an oidhche nuair a bha na saighdearan Breatannach nan cadal agus rug na h-Ameireaganaich greim air an dùn agus air an cuid pùdair a bha na bhroinn.

Cogadh timcheall air Boston

deasaich

Cath Bunker Hill

deasaich
 
The Battle of Bunker Hill, Howard Pyle, 1897

Anns an t-seachdamh linn deug, bha Boston na bhaile bheag (an taca ris an latha an-diugh co-dhiù) suidhichte aig ceann-tìre air a chuairteachad le sàl. Bha cinn-tìre eile ann faisg air làimh cuideachd. Bha na h-Àrdan Dorchester ann chun an ear-dheas, faisg air an t-sligh-mara gu Boston fhèin air nach robh feachd sam bith bho thaobh seach taobh aca fhathast. Gu tuath ceann-tìre eile air an robh baile eile, Charlestown agus dhà chnoc, Bunker agus Breeds air an robh feachd Ameireaganach. Chuir na Breatannaich romhpa faighinn cuideas iad.

Tron earrach, bha na Breatannaich air a bhith glaste am broinn Bostoin, air an cuairteachadh le saighdearan-mailisich. Nuair a ràinig 4,500 saighdearan Breatannaich a bharrachd Boston dh' fheuch iad an greim a bh' aig na h-Ameireaganaich orra a bhriseadh. Le taic bho na luing-chogaidh, thug na Breatannaich ionnsaigh air na h-Ameireaganaich air mullach cnoc Breeds. (Tha am batail air ainmeachadh às dèidh a' chnuic eile Bunker). Bhris gu dubh na h-Ameireaganaich an dà chiad ionnsaigh orra ach an treas turas agus an cuid peilearan air caitheamh, chaidh iad putadh far a' chnuic. Ged a s' e buaidh a bh' ann do na Breatannaich, bha i gu math cosgail. Chaill iad còir is 1000 saighdearan an aghaidh 450 a chaill na h-Ameireaganaich agus aig deireadh an latha bha na Breatannaich fhathast air an cuairteachadh. Às dèidh a' bhatail, sgrìobh Seanlair Breatannach Henry Clinton anns an leabhar-latha aige, "gu cinnteachd, cuiridh tuilleadh buaidhean mar sin às dhan chumhachd Bhreatannach ann an Ameireagaich." Bha am batail sion na chomharrach do na Breatannaich cha bhiodh e furasda idir dhaibh an rèabhlaid a chur sìos.


A' breith greim air Àrdan Dorchester

deasaich

Nuair a ràinig George Washington Boston san Iuchair, 1775, b' fheudar dha dèileachadh ri mòran duilgheadasan a leithid ginn uidheamachd chogaidh. Ach cha b' fhada mus robh ùidh aige ionnsaigh a thoirt do na Breatannaich a bha glaiste am broinn Bostoin. Cha robh na ceannardan eile cho cinnteach. Ged a bha na h-Ameireaganaich na bu phailte na bha na Breatannaich, bha eagal orra gu robh na saighdearan Breatannach fada na b' fheàrr agus gun chailleadh na h-Ameiraganaich gu dubh. Às deasbad a shìn fada, mhothaich cuideigin nach robh feachd sam bith fhathast air na h-Àrdan Dorchester a bha a' coimhead an t-slighe-mara a-steach a Bhoston. Nan an ceann-tìre seo ann an làmhan nan Ameireaganach 's gunnaichean mòran ann, b' urrainn dhaibh na Breatannaich a ghearradh bhon taic-mara aca. Bhiodh droch thaghadh aca eadar batail eile a leithid Bunker Hill agus Boston fhàgail.

Uill, bha mòran ullachadh aca ri dhèanamh. Anns a chiad-a-dol-a-mach, bha cha robh gunnaichean mòra gu leòr aca ann am Boston ach na gunnaichean mòra a bha dhìth orra anns an Dùn Ticonderoga. Ann an iomairt a mhair trì mìosan, chaidh buidheann de saighdearan a Dhùn Ticonderoga agus thug iad air ais a Bhoston iad. Ràinig iad Boston aig deireadh a' Ghearain ach ullachadh a bharrachd a bha dhìth. Ciamar a dhaingnicheadh iad na h-Àrdan nuair a bha greim aca orra? Cha b' urrainn dhaibh trainnsichean a chlachadh 's an talamh reòthte? Thog iad mòran daigngeachdan a bheireadh iad air carbadan 's a churadh iad air dòigh air an deireabh àite sa bheireadh iad greim air an àite.

Tràth sa Mhàirt, 1776, 's a h-uile nì deiseil, rug na h-Aimearaganaich greim air na h-Àrdan Dorchester air an oidhche agus dh'obraich iad gu fiathaich an daingneachadh mu èirigh na grèine agus na gunnaichean mòra a chur ann. Nuair a dh'èirich a' ghrian sa mhadainn, chunnaic na Breatannaich gunnaichean mòra daignichte a' coimhead orra gu dlùth far nach robh ann ach cnoc lom aig dol-fodha na grèine an latha roimhe. Taobh a-staigh dà sheachdain, as dèidh sèist a mhair aon mhìos dheug, dh'fhàg na Breatannaich Boston.

Ionnsaigh Breatannach air New York 's Ruaig air na h-Aimearaganaich

deasaich

Nuair a dh'fhàg na Breatannaich Boston, ghluais Washington arm gu deas a New York a bha, na bheachd-san, uabhasach fhèin cudthromach dhan chùis Ameireaganach. Aig an dearbh àm na Breatannaich air mar a leanadh iad an cogadh. Bha New York gu cudthromach daibhsan cuideachd. Bho New York, bhiodh iad comasach na Stàitean Aonaichte a ghearradh ann an dà leth agus an uairsin spiorad an rèabhlaid a stamhpadh às. Chuir Breatainn saighdearan a bharrachd a dh'Ameireagaich gus robh 30,000 ann dhaibh. Aig toiseach an Iuchair, nochd Càilleach Rìoghail air fàire New York agus chuir iad [?] saighdearan air tìr anns an Eilean Staten mu choinneamh New York.

Ged a bha New York cudthromach do Washington, bha an suidheachadh gu tur diofraichte bhon t-suidheachadh a bh' aige ann am Boston. Ann am Boston, b' urrainn do Washington fheachdan a ghluasad bho àite gu àite air tìr. Ann an New York, b' fheudar dha bàtaichean a chleachdadh agus 's ann aig na Breatannaich 's chan e dhàsan a bha smachd air na h-uisgeachan timcheall New York.

Aig toiseach an Iuchair, nochd an cailleach Rìoghail air fàire New York agus thoisich iad saighdearan a chur air tìr air Eilean Statan mu coinneamh New York. Aig meadhon an Lùnasdal ,s tòrr s 32,000 saighdearan aig na Breatannaich, thòisich iad gan cuir air tìr air Long Island far an robh feachd Ameireaganach. Thòisich an uair sin sreath de bhatailean air leth sgriosail do na h-Ameireaganaich a chunnaic na h-Ameireaganaich air am fuadachadh chan e às an sgìre bhaile New York a-mhàin, ach à New Jersey cuideachd. An toiseach, san Lùnastal, bha mu 20,000 saighdearan aig Washington. Aig toiseach an Dùbhlachd, cha robh air fhàgail ach 3,000 do Washington fhèin ‘s 5,500 eile fo stiùir fir [?] Lee gu tuath à New York (an dearbh Lee a bha na athair Robert E. Lee a bha os cionn airm Co-fhadairealach aig àm Cogadh Cathara Ameireaganach). A bharrachd air a sin, ruitheadh na h-enlistments dhen chuid mhòir de na saighdearan aig Washington seachad aig deireadh na Bliadhna, 1776. Do mhòran, bha an rèabhlaid an ìre mhath seachad.

Washington a' bualadh air ais: Batailean Trenton 's Princeton

deasaich
 
Washington Crossing the Delaware, by Emanuel Leutze, 1851, Metropolitan Museum

Seachdainn ron an Nollaig, 1776 ‘s an t-arm Ameireaganach suidhichte gu sàbhailt air taobh thall na h-aibhne Delaware ann am Pennsylvania ‘s chuid mhòr de na saighdearan Breatannaich ‘s Gearmailtich mar tha nan campaichean gheamhraidh ann an New York 's New Jersey, bha Washington a’ obrachadh a-mach mar a bheireadh e buill air ais dhaibh feuch cùisean dh’atharrachadh dhan rèabhlaid fad sa bha arm fhathast aige. Chuir e air dòigh ionnsaigh aig latha na Nollaig air trì reiseamaidean Gearmailteach suidhichte ann an Trenton, baile beag air taobh New Jersey na h-aibhne Delaware. Thional ‘s thog e bàtaichean ‘s aig dol-fodha-na-grèine, latha ron an Nollaig, thug e arm ri caismeachd gu tuath ‘s a ghluasadh thar na h-aibhne fo sgàil an dorchadais. Chaismich iad an uairsin, tron oidhche agus aig 8 uair sa mhadainn latha na Nollaig, bha iad timcheall Trenton ‘s na saighdearan Gearmailtich fhathast nan cadal. Ghlac na h-Ameireaganaich tòrr ‘s 1,000 saighdearan Gearmailtich gun a bhith a’ call ach 4 a chaidh an leòn.

Nochd feachd Bhreatannach eile à New York 's an caoch orra feuch Washington a ghlacadh 's a chur às dha. Latha na bliadhn’ ùire, thòisich na Breatannaich chruinneachadh mu choinneamh feachd Washington ann an Trenton an dùil batail gu bhith ann an ath-latha. Ach an larna-mhàireach, cha robh na-h-Ameireaganaich ann tuilleadh. Dh’fhalbh iad air an oidhche agus anns a’ mhadainn bha iad mar-tha air an t-slighe gu tuath a dh'ionnsaidh Princeton.

cogadh beag

deasaich

Thàinig seòrsa de chogadh eile am follais aig àm iomairt thar New Jersey 's cha b' e seo corra batailean mòra eadar airm mhòra ach mòran batailean beaga eadar feachdan beaga. 'S e guerilla a theirte ris anns an fhicheadamh linn. Aig deireadh 1776, nuair a stèidhich na Breatannaich 's na Gearmailtich ann an New Jersey, b' fheudar dhaibh biadh 's fiodh 's goireasan eile tional 's litreachan a chur chun a chèile. Ach nuair a rachadh teachdaire neo buidheann bheag de shaighdearan airson sin a dhèanamh, b' ann tric a nochdadh feachd eile, feachd de luchd-mailisich neo sìobhailtich airmaichte nan cois 's bheireadh iad ionnsaigh orra. Ghearain [faigh a-mach cò] gum b' fheudar dha buidhinn de leth-cheud shaighdearan a chur ri litir gus am bi cinnteach gun ruigheadh i ann. Ge b' e cho soirbheachail sa bha na Breatannaich 's ge b' e cho sgriosal sa bha cùisean do na h-Ameireaganaich, mhair an cogadh beag ann co-dhiù. Mhair an seòrsa dhe chogadh seo gu ruige deireadh a' chogaidh 's chuir e bagadh mòr air na Breatannaich.

Iomairt 1777

deasaich

Ionnsaigh bho Chanada 's Blàr Saratoga

deasaich
 
Painting of the surrender that hangs in the United States Capitol Rotunda.

'S e bliadhna iuchraicheal a bh'anns a' bhliadhna 1777. Aig toiseach na bliadhna, a dh' aindeoin buaidhean Washington aig blàirean Trenton 's Princeton, bha na h-Ameireaganaich ann an staing 's planaichean mòra aig na Breatannaich 's bha làn dùil aca cuir às dhan rèabhlaid gu lèir. Aig deireach na bliadhna, bha na Breatannaich air ruaig a dh'fhullaing gu dubh 's bha caidreachais gu bhi ann eadar na h-Ameireaganaich 's na Fraingich air a shàilleamh.

Chuir na Breatannaich air dòigh ionnsaigh à Canada a' leantainn na h-aithnichean Richelieu 's Hudson. Bha mu 9000 saighdearan a' gabhail pàirt san ionnsaidh sin a fo stiùir Seanalair John Borgoyne. Bha dùil aige gun rachadh ionnsaigh eile chur air dòigh à New York 's na h-Amaireaganaich air an gearradh ann an dà leth. Ach bha na feachdan à New York fo stiùir Seanalair William Howe air sgàth ginn co-òrdanachaidh, cha robh for neo fios aig Howe air rùn a bh' aig Borgoyne. Bha Philadelphia, prìomh-bhaile an ar-a-mach, fada na bu tharraingiche dha. An àite taic a thoirt dhan ionnsaidh à Canada, thug Seanalair Howe ionnsaidh gus Philadelphia a ghlachadh.

An doilgheadas à Canada, 's ann thar garbhlaidh 's coilltean uaigneach gun rathad seach na h-aithneachan fhèin. Cha b' fhada mus robh na Breatannaich ann an staing, fada bho thaic ann an dùthaich a bha gu mòr nan aghaidh. Mar a b' fhaide a chaidh na Breatannaich gu deas, 's ann a bu mhotha a thog an dùthaich nan aghaidh. An 11mh an Lùnastal, chaidh buidhinn de 800 saighdearan, an leth chuid nan Gearmailtich 's cuid eile nan Canadanaich, Ameireaganaich a bha a' sabaid ri thaobh a' chrùn 's Innseanaich ruadha do Bhermont gus biadh 's stòras a thionnal dhan arm Bhreatannach. Chaidh iad an cuairteachadh le milisidh à Bhermont 's New Hampshire. Air an 16mh Lùnastal, às dèidh sgrios mòr a fhulang, b' fheudar dhan fheachd Bhreatannach ann am Bhermont geileadh. B' e sin na chomharradh do na Breatannaich air dè a bha romhpa. B'fheudar dhan phrìomh fheachd stad 9 mìle gu deas bho bhaile Saratoga aig sailleamh uiread de dh' fheachdan Aimeireaganach a bh' air chruinneachadh à gach oir mun timcheall. Mu dheireadh, gheill Burgoyne 's an fheachd Bhreatannach an 17mh an Dàmhair 1777.

A dh' aindeoin 's gu robh Philadelpia fo smachd nam Breatannach 's an ruaig air a cuir dhan Chomhdail Mòrtireach, b' e an call aig Saratoga na chomharradh do na Fraingich gun bu bhuanachd daibhsan dhol a-steach an aghaidh Breatainn 's caidreachais leis na h-Aimeireaganaich. Bho sin a-mach, sgap an cogadh air feadh an t-saoghail cho fad air falbh bho Aimeireagaidh sa b' urrainn a bhith. Bha batailean fiù 's anns na h-Innseachan.

Bha an cogadh sa cheann a tuath an ìre mhath seachd ged a chum na h-Ameireaganaich a' fulaing bho ghinn bìdh 's uidheamachd, bho sin a-mach cha robh mòran gluasadh sa cheann a tuath ach dhaingnich na Breatannaich iad fhèin ann an New York 's iad air an cuairteachadh leis na h-Ameireaganaich.

Iomairt 1778: Ceann a Deas 's Buaidh

deasaich

Bha na Breatannaich dhen bheachd nach robh an rèabhlaid cho neartmhor sa cheann a deas 's gu robh mòran a bha fhathast dìleas dhan Rìgh. Mar sin, ghluais na Breatannaich an iomairt aca chun a' chinn a deas. Bha sreath de bhatailean ann 's bhuannaich na Breatannaich a' mhòr cuid aca gus mu dheireadh, cha mhòr gun deach an arm Ameireaganach à bith sa ceann a deas. Ach cha

San Dùmhlachd, 1778, rug na Breatannaich grèim air Savannah Georgia. B' e seo toiseach na strì sa cheann a deas. As dèidh strì mhòr, air an 12mh a' Chèitein, 1780, bhris na Breatannaich a-steach a Charleston, Carolina a Deas, port a bu motha sa cheann a deas aig an àm. A bharrachd air a sin, ghlac iad suas ri 5000 prìosanaich Ameireaganaich. B' e seo call mòr do na h-Ameireaganaich.

Ceanglaichean a muigh

deasaich