Amartya Sen
'S e eaconamaiche às na h-Innseachan a tha ann an Amartya Kumar Sen. (Bangla: অমর্ত্য কুমার সেন Ômorto Kumar Shen). Rugadh e san 3 an t-Samhain 1933 ann an Santiniketan, na h-Innseachan.
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an 1998.
Eadar 1998 is 2004 bha e na "Master" den Cholaiste Trinity ann an Oilthigh Chambridge. Mar sin ' s e esan a' chiad ceannard à Aisia a bha riamh anns na Colaistean Oxbridge. Bhon uair sin tha e na ollamh ann an Oilthigh Harvard.
Chaidh na leabhraichean aige an eadar-theangachadh ann an 30 cànanan eadar-dhealaichte.
Faic cuideachd
deasaichCeangal a-mach
deasaich- Fèin-eachdraidh ghoirid (Beurla)