Fosgail am prìomh chlàr-taice

'S e paidhleat, speuradair agus saighdear às an Aonadh Sobhiat a th' ann an Alexey Arkhipovich Leonov (Ruisis: Алексе́й Архи́пович Лео́нов, IPA: ɐlʲɪˈksʲej ɐˈrxʲipəvʲɪtɕ lʲɪˈonəf, Listvyanka, 30 an Cèitean 1934). B' e Leonov a' chiad fhear a choisich san fhànas a-riamh, air 18 am Màrt 1965. Mhair an sgrìob taobh a-muigh luinge-fànais aige 12 mionaid.[1] Theab e bhàsachadh leis gun do dh'fhàs an deise-fhànais aige air at agus cha b' urrainn dha till dhan long-fhànais ach a' leigeil ogsaidean a-mach.[2] Rinn e turas eile ann an 1975 nuair a thàinig na longan-fànais Apollo agus Soyuz ri chèile. Bha e os cionn sgioba-trèanaidh prògram-fànais na dùthcha aige bho 1976 gu ruige 1982.[3] 'S e sàr dhealbhadair a th' ann agus thug e peann is pàipear còmhla ris dhan fhànas: sheall e na dhealbhaich e shuas san fhànas gu Arthur C. Clarke is b' e seo a chleachd esan san nobhail aige 2010: Odyssey Two.[4]

Aleksey Leonov
Aleksey Leonov ASTP - cropped.jpg
Beatha
Breith Sgìre Tisulsky agus Listvyanka, Irkutsk Oblast, 30 dhen Chèitean 1934
Dùthaich  An t-Aonadh Sobhiatach  1991)
 An Ruis  (1991 -
Ciad chànan Ruisis
Foghlam
Foghlam Acadamh Einnseanaireachd nam Feachdan Adhair Zhukovsky 1968)
Àrd-fhoghlam Candidate of Technical Sciences
Cànain Ruisis
Dreuchd
Dreuchd itealair, speuradair, peantair, sgrìobhadair, pìleat cogaidh, neach-ealain agus taisgealaiche
Duaisean a fhuaras
Ìre Q18405354
Neach-fànais
Miseanan Voskhod 2 Soyuz 19
Bràistean nam miseanan  Soyuz 19
Ùine san fhànas 10,112 mionaidean
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach An Ruis Aonaichte
Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich
IMDb nm0503084
Alexey Leonov signature.svg

IomraidheanDeasaich

  1. BBC
  2. Hall, Rex; Shayler, David; Vis, Bert (2005). Russia's Cosmonauts: Inside the Yuri Gagarin. Chichester, Praxis, ISBN 0-387-21894-7
  3. War Heroes
  4. Astronaut