Alasdair Uaibhreach
B' e Alasdair Uaibhreach[1] (Beurla: "Alexander the Great"; Greugais: Αλέξανδρος ο Μέγας, Aléxandros ho Mégas; 356 RC–323 RC)) fear de na comandairean as buadhaiche ann an eachdraidh an t-saoghail. Ann an litreachas Zoroastrianach tha an Alasdair mallaichte air, oir tug e buaidh air an Impireachd Phearsach, agus chuir e am prìomh-bhaile Persepolis gu sgrios.
As dèidh aonaidh eadar bailtean Seann-Ghrèige, fo smachd athair, Phillip II a' Mhakedonía, bhuannaich Alasdair an aghaidh an Impireachd Phearsach, Aisia Bheag, Siria, Phoenicia, Gaza, An Èipheit, far an do stèidhich e Alexandria,[2] Bactria agus Mesopotamia, agus leudaich e an ìmpireachd aige cho fada ri Punjab. Dh'inntrigeadh Alasdair coigrich san arm agus riaghladh aige.
As dèidh dà bhliadhna dheug de shabaid, chaochail Alasdair, bhon chùis neo-aithnichte, is dòcha mailèiria, am fiabhras-breac neo encephalitis bìorasach.
Iomraidhean
deasaich- ↑ F. B. (1d dhen Ghiblean 1849): “CUNNTAS AITH-GHEARR AIR INNSEAN NA H-AIRD AN EAR,” ann an: Fear-tathaich nam Beann, deas. Clerk, Archibald, àir. 16, td. 485. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Stanley, Jean-Daniel ⁊ Carlson, Richard W., Van Beek, Gus, Jorstad, Thomas F. ⁊ Landau, Elizabeth A. (2007): “Alexandria, Egypt, before Alexander the Great: A multidisciplinary approach yields rich discoveries,” ann an: GSA Today, leabhar 17, àir. 8, td. 4–10. doi:0.1130/GSAT01708A.1.