Fosgail am prìomh chlàr-taice

Tha Al Pacino (Eabhraig Nuadh, 25 an Giblean 1940)[1] na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùiteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig toiseach nan 70an, Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.

Al Pacino
Al Pacino - Hummel.jpg
Beatha
Ainm slàn Alfredo James Pacino
Breith Manhattan, 25 dhen Ghiblean 1940
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Cinneadh Aimeireaganach Eadailteach
Teaghlach
Càraid Beverly D'Angelo
Aramis Fuster
Foghlam
Foghlam HB Studio
Institiuid Tèatar is Film Lee Strasberg
Actors Studio
Fiorello H. LaGuardia High School
Cànain Beurla
Luchd-teagaisg Lee Strasberg
Dreuchd
Dreuchd stiùiriche fhilmichean, riochdaire fhilmichean, actair film, sgrìn-sgrìobhaiche, actair àrd-ùrlair agus actair telebhisein
Obraichean comharraichte The Godfather trilogy
Scarface
Serpico
Scent of a Woman
Dog Day Afternoon
Heat
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
IMDb nm0000199
Eredeti-dedikalt-al-pacino-573a 1 bige.jpg

Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann saighdear dall.

As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-eisimeileachd nan Ameireaganach, sguir e dheth filmichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreath de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.

IomraidheanDeasaich

  1. Al Pacino”. IMDb. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: