Aithris Lighthill
B' e aithris a choimiseanaich an Comhairle-rannsachaidh Saidheans leis an tiotal Artificial Intelligence: A General Survey ('Tuigse Inntealta: Suirbhidh Choitcheann') a bha anns an Aithris Lighthill. Lean an aithris eas-aonta eadar na luchd-rannsachaidh anns an Roinn Tuigse is Lèirsinn Inneil aig Oilthigh Dhùn Èideann is chaidh James Lighthill a choimiseanachadh an aithris a sgrìobhadh.[1] Ged nach e eòlaiche ann an tuigse inntealta ach ann am meacanaigs stuth sruthach a bh' ann, bha e na charaid do Christopher Longuet-Higgins a stiùir buidheann rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Ged nach e beachd phearsanta a bh' ann a rèir Lighthill fhèin, bha buaidh mhòr air rannsachadh ann an tuigse inntealta anns an Rìoghachd Aonaichte. Mhol e obair ann am fèin-obrachas (roinn-seòrsa A a rèir na h-aithrise) agus ann am modaileadh cuairt nan lèithean (roinn-seòrsa C) ach dh'ailisich e obair ann an robotaireachd, pròiseasadh cànain nàdarra agus ann an reusanachadh (roinn-seòrsa B), is e eadhon a' sgrìobhadh mu past disappointments ('brisidhean-dùil san àm a dh'fhalbh').[2]
Dh'fhoillsich an Comhairle-rannsachaidh Saidheans an t-suirbhidh còmhla ri freagairtean o Christopher Longuet-Higgins, Stuart Sutherland aig Oilthigh Shussex, a mhol gum bu chòir oileanach tuigse inntealta ionnsachaidh anns na Stàitean Aonaichte, Roger Needham agus Donald Michie, a dh'ailisich an suirbhidh, a sheòrsachadh rannsachaidh, agus dhìomol Lighthill air sgàth 's nach do chuir e comhairle ri eòlaichean às na Stàitean Aonaichte.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Howe, Jim (An t-Ògmhios 2007): “Artificial Intelligence at Edinburgh University : a Perspective”. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Lighthill, James (An t-Iuchar 1972): “Artificial Intelligence: A General Survey”. STFC. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “Lighthill Report: Artificial Intelligence: a paper symposium”. STFC. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.