Abeokuta
Suidheachadh
Dùthaich Nìgeiria
Sgìre Ogun
Co-chomharran 07° 09’ 39 Tuath
03° 20′ 54 Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 801,282 (2010)

‘S e baile uabhasach mòr air an àirde an iar-dheas Nìgeiria a th’ ann an Abeokuta, facal a chiallas Tèarmann nan Creagan ann an Yoroba, ris gun stèidheachadh am baile ann an 1825 le daoine a bha a’ teiche na tràillealachd. Tha e suidhichte aig bun creag ghrànaid ris an canar Olumo, aig 67m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Ogun anns an stàit Ogun fhèin, 66km air falbh bho Ibadan, 508km bho Abuja (prìomh-bhaile na dùthcha agus 78km bho Lagos.[1] ‘S e an 15mh baile as motha na Nìgeiria a-rèir àireamh-shluaigh le 801,282 duine a bhios a’ fuireach anns an àite.[2] Tha oilthigh àiteachail [3] agus colaiste teicnigeach anns a’ bhaile cuideachd.[4]

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Bailtean na Cruinne
  3. UNAAB
  4. Moshood Abiola Polytechnic

Ceanglaichean a-mach

deasaich