'S e lìon sòisealta neo Social Network a th' ann an AbairThusa.[1] Chaidh a chruthachadh 27mh Samhain 2007 le Crìstean MacMhìcheil, oileanach a' dèanamh Ceum BA ann an Gàidhlig 's Iomall a' Chuain Siar aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh AbairThusa a dhèanamh a' cleachdadh Ning, bathar-bog air loidhne a bhios a' toirt cothrom ri dhaoine làraichean-lìn sòisealta a chruthachadh.

Amasan deasaich

'S e amas AbairThusa lìon sòisealta car coltach ri MySpace agus Facebook chruthachadh ach gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Comharraidhean deasaich

Tha AbairThusa car coltach ris na lìn sòisealta eile, faodaidh luchd-cleachdaidh AbairThusa rudan mar dealbhan, bhidiothan agus ceòl a chur ris na duilleagan pearsanta aca neo ri AbairThusa san fharsaingeachd agus faodaidh iad blògaichean a chumail. Tha fòram ann far an urrainn dhaibh bruidhinn ri chèile mu chuspair sam bith taobh a-staigh a' choimhearsnachd farsaing agus tha buidhnean ann le fòraim beaga far a bheil daoine comasach air tighinn ri chèile airson an aon adhbhar. A bharrachd air seo tha Tachartasan ann far an urrainn do luchd-cleachdaidh innis do dhaoine eile ma bhios iad a chumail tachartas air choireigin agus faodaidh luchd-leughaidh RSVP m.s.a.a.

Tùsan deasaich

  1. AbairThusa

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh deasaich