A' Ghearmailt an Iar
B’ e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a bha anns a' Ghearmailt an Iar. B’ e a’ Ghearmailt an Iar an t-ainm a theirte gu cumanta ri Poblachd Fheadarail na Gearmailte (Gearmailtis: Bundesrepublik Deutschland, no BRD) anns an linn bhon a chaidh a stéidheachadh air 23 an Céitean 1949, ceithir bliadhna às déidh an Dàrna Cogadh, gu ruige Ath-aonachadh na Gearmailte air 3 an Dàmhair 1990, nuair a thàinig a’ Ghearmailt an Iar agus a’ Ghearmailt an Ear còmhla a-rithist ann an aon dùthaich, a’ Ghearmailt. Canaidh luchd-eachdraidh acadaimeagach an Bonner Republik ris an linn sin.