Ångström
'S e aonad mheudachaidh saidheansail eadar-nàiseanta th' ann an ångström (Samhla saidheansail: Å, IPA: ɔŋstrøm). Tha an t-ångström co-ionnan ri 0.1 nanomeatair no 1 × 10−10 meatair agus 1/6.438,4696 tonn-fhad loidhne dhearg speictreach san speactram sgaoileadh chadmium. 'S àbhaist do luchd-saidheans an t-ångström a chleachdadh airson ataman, fad nam bann ceimigeach, speactram an t-solais agus cumaidhean nan cuairt aonaichte a mheudachadh. Thathar cuideachd ga chleachdadh ann am bith-eòlas structarail. 'S ann às an fhiosaigiche Suaineach Anders Jonas Ångström a tha an t-ainm. Chan eil an t-ångström idir na phàirt den t-Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan (SI).[1] A dh'aindeoin sin, 's e an t-ångström a chleachdar mar as àbhaist airson astaran no radii atamach agus tonn-fhadan ann an speactramsgòpadh a mheudachadh, bho 1961 a-mach, aig a' char as lugha.[2] Sgrìobhar an samhla Å mar a leanas: Ctrl+Shift+@+A.
Co-ionannachdan
deasaich- 1 Å = 10−10 m = 0,000 000 000 1 m
- 1010 Å = 10.000.000.000 Å = 1 m