'S Àirde Beinn
Co-chomharran: 56°36′23″N 6°07′22″W / 56.606374°N 6.122769°W
'S e beinn ann an Alba a th' anns 'S Àirde Beinn. Tha e suidhichte iar air Tobar Mhoire ann am Muile. Sa deas tha an rathad B8073 a' dol seachad air. Tha a' bheinn 295m (968 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn beag a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. Tha loch cuideachd air a' bheinn ris an canar Lochan 'S Àirde Beinn. 'S e Marilyn a th' ann.
'S Àirde Beinn | |
---|---|
Àirde (m) | 295 |
Àirde (tr) | 968 |
Àirde rinneach (m) | 153 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (47) OS Explorer (374E) |
Comharradh-clèithe | NM470536 |
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air 'S Àirde Beinn san 15 am Faoilleach 2003.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)