'S e an Libertarian Party buidhean poilitigeach 'san Rìoghachd Aonaichte a bhios a moladh poileasaidhean Libertarian.[1]. Chaidh a stèidheachadh air 1 dhen Fhaoilleach 2008 fo stiùireadh Patrick Vessey agus chaidh an clàradh leis an Electoral Commission air 21 an t-Samhain 2007[2]. Tha am pàrtaidh air ùidh sònraichte a thogail anns am blogosphere. Tha iad ag gu bheil feallsanachd libertarian na “eaglais fosgailte”, ach tha iad gan cuir fhèin air adhart mar buidhean a tha “an ìre mhath an aghaidh stàit mòr” agus gu h-àraidh airson siostam malairt shaor. Air 3 Màirt 2008 chuir iad a mach a chiad pìos fiosrachadh aca mu poileasaidhean am pàrtaidh agus iad ag ràdh gun cuireadh iad às do chìs teachd-a-steach. A bharrachd air an sin tha iad airson inbhe laghail a thoirt do dhrogaichean cleasachail, cuir às don minimum wage – mu’n seo tha iad den bheachd gur è th' ann ach “bacadh neo-fhialaidh air malairt shaor. Tha è a cuir prìs mì-nàdarrach air cosgais obair agus mar seo, ga dhèanamh nas duilich airson luchd-obrach aig nach eil mòran sgilean obair a lorg, agus mar sin nas duilich fhathast eòlas agus trèanadh fhaighinn.” Tha am pàrtaidh cuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine gunnaichean a chleachdadh gu laghail agus, mar sin, tha iad an aghaidh an 1986 firearms act. Air an 17 den t-Sultain 2008 leig Patrick Vessey dheth a dhreuchd mar ceannard am pàrtaidh agus ghabh Ian Parker-Joseph àite.[3].

Thumb
Thumb


Teisteanas deasaich

  1. The UK Libertarian Party - Welcome”. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2008.
  2. Register of Political Parties Libertarian Party”. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2008.
  3. Libertarian Party Leadership”. Air a thogail 20mh dhen t-Sultain 2008.

Làraichean eile deasaich