Bha Tormod Dòmhnallach (c. 1967–7 am Màrt 2013) ’na fhear-eachdraidh, ’na chraoladair agus ’na sgrìobhadair.

Tormod Dòmhnallach (Am Prof)
Beatha
Dreuchd

Thogadh e ann an Sàtran faisg air Càrrabost ann am Minginis anns an Eilean Sgitheanach. Fhuair e oideachadh ann am Bun-sgoil Chàrraboist, ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, agus ann an Oilthigh Obair Dheathain far an dug e a-mach ceum le urram ann an eachdraidh. Aig deireadh na 70an chaidh e a Chanada far an robh e a' teagasg sa cholaiste ann an Ceap Breatainn, agus chaidh urram ollamh a bhuileachadh air. Thill e a dh’Albainn agus bha e bliadhnaichean mòra ag obair dhan BhBC.

Dh’fhàg e fhéin agus a cho-sgrìobhaiche Cailean MacIllEathain dìleab phrìseil don Eilean Sgitheanach, The Great Book of Skye, trì leabhraichean tomadacha leis an sgeul-beatha aig Sgiathanaich ainmeile.

Ceanglaichean a-mach deasaich