Thun
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Bern
Cànan Gearmailtis
Co-chomharran 46° 46 00′ Tuath
07° 38 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21.58 km²
Àireamh-shluaigh 42,623 (2010)
Dlùths 1,975.12/km²
Àireamh fòn + 41 31
Duilleag oifigeil http://www.thun.ch

‘S e baile mòr ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Thun (Fraingis: Thoune). ‘S ann às a’ Ghallais Dunum (Gàidhlig: Dùn) a tha an t-ainm. Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 7mh Linn leis a’ mhanach Fredegar, ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo ro àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte aig beul na h-aibhe Aare air an Loch Thun (Gearmailtis: Thunersee), aig 560m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Bern, 98km air falbh bho Zürich, 127km bho Ghenève agus dìreach 25km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 42,623 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 11 baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Thun.

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Община Габрово
  5. Ville de Granby

Ceanglaichean A-mach deasaich