'S e tùr no togalach a th' ann an taigh-solais a thèid a chleachdadh mar uidheam-taice seòlaidh. Tha siostam de lampaichean is lionsaichean aca a bhios a' sealltainn na slighe ceart do bhàtaichean ann an àitichean cunnartach no cudromach, gu h-àraid san oidhche. Mar as trice tha iad suidhichte air a' chosta, fiù anns a’ mhuir no ann an aibhnichean is slighean-uisge air feadh na dùthcha. Mar eisimpleir gheibhear fiosrachadh mun t-slighe sàbhailte timcheall air creagan fon uisge no far a bheil na calaidhean. Tha dòighean eadar-dhealaichte ann airson an togail. Ged a tha mòran dhiubh à clachan, chìthear feadhainn eile à meatailt, à fiodh no à concrait. B' àbhaist àite-fuirich a bhith aca airson an neach a bha a' coimhead an dèidh an taigh-solais. Ann an taighean-solais àrda tha seòmar sònraichte ann far a bheil an lampa. Tha comharra diofraichte aig na taighean-solais, nochdaidh solas an lampa ann an dathan eadar-dhealaichte, geall, uaine no dearg, agus tha tricead is ùine eadar-dhealaichte aig na boillsgidhean. Faicear iad eadar 5 is 20 mìltean mara, tha sin a' crochadh air àirdead an t-solais os chionn na mara is lùb na talmhainn. A bharrachd air sin tha cumhachd is dath an t-solais cudromach agus an t-sìde cuideachd.

An taigh-solais aig Ceap Sheòrais, Siorrachd Antigonis, Alba Nuadh
Taigh-solais aig deireadh an t-saoghail ann an Ushuaia, Argentina
Taigh-solais ann an Gob na h-Èist, an t-Eilean Sgitheanach

Bha na taighean-solais gu math cumanta anns na seann làithean ach leis teicneòlas ùr is na siostaman dealanach eil iad cho cudromach san latha an-diugh mar a bha iad. Ann an Alba tha iad ag obair fhèin-obrachail an-diugh.


Faic cuideachd deasaich