B' e oifigear a' chabhalaich, seòladair agus taisgealaiche Pòla a Tuath à Alba a bh' ann an Sir John Ross CB (Cill Choluim, 24 an t-Ògmhios 1777 - Lunnainn, 30 an Lùnastal 1856).[1] Thogadh e ann am baile beag air iomall na Sròine Reamhaire,ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach gu math bùirdeasach: bha athair na mhinistear agus bha a sheanair na phrobhaist. Ghabh e anns a' Chabhalach nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois agus bha e an sàs ann an trì cogaidhean: Cogadh an Dàrna Co-bhanntachd (1798-1802), Cogadh an Treas Co-bhanntachd (1803-1806), agus An Cogadh Angla-Ruiseanach (1807-1812).[2] A bharrachd air sin, rinn e trì triallan do Phòla a Tuath, ann an 1818, 1829 agus 1850. Chuir e seachad trì bliadhna eile air fo-fhastadh do Chabhlach na Suaine. Bha e na àrd-mharaiche-deiridh nuair a chaochail e ann an Lunnainn ann an 1856.[3]

Sir John Ross CB
Beatha
Breith An t-Sròn Reamhar, 24 dhen Ògmhios 1777
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Rìoghachd na Breatainne Mòire
Bàs Lunnainn, 30 dhen Lùnastal 1856
Àite-adhlacaidh Cladh Kensal Green
Teaghlach
Athair Andrew Ross
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, oifigear a' chabhlaich, peantair, oifigear, polar explorer (en) Translate agus lus-eòlaiche
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm An Cabhlach Rìoghail
Ìre rear admiral (en) Translate
captain (en) Translate
lieutenant (en) Translate

Iomraidhean deasaich

  1. Fleming, Fergus (1998). Barrow's Boys. Lunnainn, Sasainn: Granta Books. ISBN 978-1-86207-173-5.
  2. O'Byrne, William R. (1849). "Ross, John" . A Naval Biographical Dictionary. Lunnainn: John Murray, duilleagan 1006–1007.
  3. Ross, M. (1994). Polar Pioneers: John Ross and James Clark Ross. Montreal: MQUP. ISBN 9780773565036.