Anns an rianas ’s e siostam foirmeil a th' ann far a bheil cànan foirmeil agus seata riaghailtean airson foirmlean deagh-dhèanta a thoirt bho fhoirmlean deagh-dhèanta eile.

Tha aibidil agus gràmar aig a' chànan fhoirmeil. 'S e seata chomharran a tha anns an aibidil agus seata riaghailtean airson foirmle a thogail a tha anns a' ghràmar. Thathar ag ràdh gu bheil foirmle deagh-dhèanta ma tha i sgrìobhte le comharran a' chànain agus air a cur ri chèile a-rèir a' ghràmair.

'S ann le siostaman foirmeil a tha dearbhaidhean matamataigeach air an dèanamh. Tha aicseaman aig bun siostam foirmeil. Tha iad air an sgrìobhadh mar foirmlean deagh-dhèanta agus tha foirmlean deagh-dhèanta eile air an toirt bhuapa. Leanaidh an argamaid ceum air cheum mar seo gus an ruigear co-dhùnadh. Is dligheach an co-dhùnadh seo mas dligheach gach ceum na h-argamaid agus 's ann mar seo a tha an co-dhùnadh dearbhte. Uaireannan, bidh co-dhùnadh feumail do iomadh dearbhadh eile no gheibh e lèirsinn sònraichte do mhatamataig. Nuair sin 's e teoirim a theirear ris.