Tha Setsubun'節分', no Roinneadh Aimsireil, air a chumail air 3 agus 4 Gearran san t-Seapan. Thathar a' cumail làithean na fèille seo agus na deas-ghnàthan a tha na lùib airson comharrachadh an earraich nach tàinig a-rèir seann mhìosachan na gealaich. Gabhaidh setsubun a' samhlachadh ris an Earraich Gheamhraidh mar a roinneadh na Gàidheil bho shean e. [1]

Setsubun

Mamemaki(豆まき) deasaich

'S e seo cleachdadh setsubun gus olc agus àmhghar fhògradh às an dachaigh. Thathas a' tilgeil pònairean ròiste feadh seòmraichean an taighe gus deamhanan a spìonadh às (mamemaki 豆まき); agus thathas a' crochadh ceann-seirdean loisgte (柊さし), air an dealgachadh air meangan cuilinn. Thathar a' creidsinn gun glèidhear deagh shlàinte fad na bliadhna sin ma dh' itheas àireamh de phònairean tilgte co-ionnan ris an aois fhèin. [2]

Iomraidhean deasaich

  1. Faclair Dwelly
  2. 英語で作る和食・Recipes of Japanese Cooking ISBN 4-8163-3677-X
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: