Santa Rosa de Viterbo
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Boyacá
Àirde 2753m
Co-chomharran 5° 53' Tuath
72° 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 107 km²
Àireamh-shluaigh 13,249 (2005)
Dlùths 123.82/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

'Se baile beag ann am Boyacá a th' ann Santa Rosa de Viterbo.

Freumhan an Ainm deasaich

Fhuair am baile an t-ainm aige ann an 1690 nuair chaidh am parraiste a chuir air bhog, mar chuimhne air an Naomh Ròs[1] à Viterbo,[2] baile meadhanach ann am Lazio, An Eadailt. tha an t-ainm sin eadar-dhealaichte bhon a' mhòr-chuid dhe na h-ainmean-àitean ann am Boyacá, leis nach e ainm Tùsanach a th'ann.[3]

Sluagh a' bhaile deasaich

Ged a tha 13,249 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 6,263 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Santa Rosa de Viterbo, agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 90.4% dhe na daoine ann an Santa Rosa de Viterbo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 31.5% dhe na dachannan.[6]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Rosa de Viterbo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil deasaich

Rafael Reyes: (1849 - 1921). Ceann-suidhe na dùthcha 1904 - 1910.

Clímaco Calderón: (1852 - 1913). Ceann-suidhe na dùthcha fad 24 uairean ann an 1882.

Iomraidhean deasaich

  1. American Catholic
  2. Città di Viterbo
  3. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia