'S e seorsa eun-mara a th'ann an Sùlaire. Tha iad a' fuireach ann an àitean mar Alba. 'S e Guga an t-ainm a th' air àl an t-sùlaire.

Tha sùil na sùlaire cho geur ri sùil na fainge, a neart cho làidir ri fhradharc. Nan tachradh maide bhith roimhe air an fhairge nuair a bhiodh e a' feuchainn fodha, tha e air a ràdh gun deigheadh a ghob òirleach tron fhiodh.